Bidh Fonn Oirre Daonnan

Òran air a sgrìobhadh le: seumas mac ille sheathanaich agus air a sheinn le: aonghas macPhàidein agus còisir ghàidhlig phort rìgh.

This is a song written by: seumas mac ille sheathanaich and sung by: aonghas macPhàidein and còisir ghàidhlig phort rìgh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Bidh fonn oirre daonnan,
'S bidh aoibh oirre an-còmhnaidh;
'S e dh'fhàgadh m' inntinn aobhach,
Bhith faicinn d' aodainn bhòidhich,
Le mheud 's a thug mi ghaol dhut
Is aotromas na h-òige,
Mur a dèan mi d' fhaotainn
A ghaoil, chan fhad is beò mi.

Mo dhùrachd don rìbhinn
Dh'fhàg m' inntinn-sa cràiteach,
Bean d' aogais cha lèir dhomh
Latha fèille no Sàbaid;
Do bheusan tha ceutach
Is d' eudann ro nàrach -
Ach 's truagh mi thug gaol dhut
'S nach fhaod mi bhith làmh riut.

O furtaich mo chàs-sa
A ghràidh bhean an t-saoghail
Tuig mar tha mo nàdar,
An sàs aig do ghaol-sa.
Na fàg mi mar tha mi
Dol bàs leis an fhaoineas,
'S gur tu stagh, mo riaghailt,
Mo bhiadh agus m' aodach.

Is muladach mi daonnan
Do ghaol rinn mo leònadh,
Dh'fhalbh mo dhreach is m' aogas
Is chaochail mo shòlas.
Chan eil àit' an tèid mi
Nach saoil mi leis a' ghòraich,
Gu bheil mi faicinn d' aodainn,
Is aoigh air an-còmhnaidh.

Nis chual thu mar tha mi
Gur bàs dhomh às d' aonais
Tionndaidh ann am blàths rium
'S na fàg aig an aog mi.
Thig is thoir do làmh dhomh,
Do ghràdh is do choibhneas,
'S chan iarr mi tuilleadh càirdeis,
No àilleachd an t-saoghail.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.