Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: capercaillie agus Karen NicMhathain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: capercaillie and Karen NicMhathain.
Bheir mi sgrìob do Thobar Mhoire
Far a bheil mo ghaol an comann.
Sèist / Chorus
E o hi hiùraibh o o hi ù
E o hao ri ri
E o hao ri sna ho hu o
E o hi hiùraibh o o hi ù.
Far a bheil mo ghaol an comann
Luchd nan leadan 's nan cùl donna.
Luchd nan leadan 's nan cùl donna
Dh'òladh am fìon dearg na thonnan.
Bheir mi sgrìob dhan Lochaidh luachrach
Far a bheil mo ghaol an t-uasal.
Far a bheil mo ghaol an t-uasal
Gheibhinn cadal leat gun chluasag.
Gheibhinn cadal leat gun chluasag
'S cùl mo chinn am bac do ghuala.

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...
Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.