Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mairead NicNèill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mairead NicNèill.
Ged tha mi 'm ònar sna beannaibh
Chan eil mo shunnd ris na fearaibh
Gun d' thug mi mo bhòid 's mo ghealladh
Nach dèanainn mo cheann a cheangal
On a fhuair mi fhèin ort sealladh
Mo cheist air sealgair na h-eala.
Sèist / Chorus
Bha mo leannan ann
Bha mo leannan bòidheach barail
As a' bhail' ud thall.
Mo rùn mac na mnà Slèibhtich'
A chumadh 's a dh'fhuaileadh lèine
Chuireadh a' sìod air a' phèarlainn
Bu mhòr m' earbs' as do làimh threubhaich
B' fheàrr leam gun dèanainn beairt rèidh riut
'S cha dèan mi sin gu là m' euga.
Cha dèan mi seudan a ghabhail
Ge b' e cò thig am rathad
Tha mo dhùil ri d' làimh-sa fhathast
Òganaich as deise gabhail
Fo d' ghunna, fo d' sgèith, fo d' chlaidheamh
B' ùr a' choill an d' fhàs an t-abhal.
Gur e mo rùn an t-òg gasda
Bu chùirteil a' dol gu faiche
Gum b' e siud a rogha fasain
Còt' is fèileadh air a phleatadh
'S tric a bha mi 'n cirb do bhreacain
An àite nach bith càch gar fhaicinn.
Mhoire, 's e mo rùn a' saighdeir
Briom-shùil a mhealladh na maighdeann
Ruithe cruaidh air chùl na saighde
Làmh dheas a bhualadh nam paoicean
Mar riut chaidlinn an oidhche
'S cha d' shaoil mi gum biodh tu foill dhomh.
Mhoire, 's e mo rùn an t-uasal
Shiùbhladh an oidhche dha fuairead
Gur e dhùisgeadh às mo shuain mi
Faram bhith crathadh do ghruaige
Bhiodh do dhagaichean ga fuasgladh
'S d' adhairc fhùdair an taobh shuas dhìom.
Dhòmhnaill 'ic Nèill 'ic Iain Bhuidhe
Chaidh do shaothair ort am mutha
Dh'fhalbh a' ghruagach dhonn na siubhal
Le fear àrd na gruaige duibhe
Cruinn chas a dhìreadh am bruthach
Dh'fhàgadh calpa 'n dèidh na spriuthar.
Chaidh sibh air choinneamh a dh'Uibhist
Slàn gun till sibh às gun phuthar
Càirdeas na fear òg on Bhuthainn
'S an oighre o Ghleanna Cumhann
A bha uasal mar bu chumhaidh
'S Raghnall o Cheapaich nan ubhal.
Mhoire, 's e mo rùn an gille
Bha raoir an Eilean na Cille
Beul meachair a' chòmhraidh mhilis
Ghabh mi mo chead dhìot sa linnidh
'S thug siud air mo shùilean sileadh
Guma slàn gun dèan thu tilleadh.
Cha robh bò dhubh no bò ghuail fhionn
No bò bhreac an iomall buaile
Nach cuirinn, a ghaoil, gad fhuasgladh
Mar b' e 'n t-eug a sgaradh bhuam thu
Sona 's tu fhèin ga fuadach
Cràdh air an tè thèid gad ruagadh.
Rugadh Mairead NicNèill, Mairead Fhorbais, air 27 Dùbhlachd ...
Fiosrachadh air Mairead NicNèill / Learn more about Mairead NicNèillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.