Bha mi Latha Samhraidh an Steòrnabhagh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Iseabail NicAsgaill.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Iseabail NicAsgaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Bha mi latha samhraidh an Steòrnabhagh
Chunnaic mi rud ann agus chòrd e rium
Nighean bheag a' danns' air a casan lom
Ribinnean mu ceann agus cleòc' oirre.

Thàinig balach uasal is lòrns air
'S thuirt e rith', "A luaidh, cuir do bhrògan ort
Gus an tèid sinn cuairt don Ghearradh Chruaidh
'S dìridh mi suas Beinn na Dròbha leat."

"Cha dìrich mi suas Beinn na Dròbha leat
Ged a tha thu uasal is lòrns ort
B' fheàrr leam a bhith danns' air mo chasan lom
Le fear a chluicheadh tromb no meileòidian."

Seinneadairean / The Performers

Iseabail NicAsgaill

Iseabail NicAsgaill

'S ann às an Rubha, Leòdhas, a tha Iseabail NicAsgaill ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis. Tha i pòsta aig ...

Fiosrachadh air Iseabail NicAsgaill / Learn more about Iseabail NicAsgaill

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.