Bean a' Chotain Ruaidh

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacEacharna (Bàrd Dhiùraidh) agus air a sheinn le: coisir Àrd-sgoil mhicNeacail, Màiri NicDhòmhnaill agus stiùbhart greumach.

This is a song written by: Dòmhnall MacEacharna (Bàrd Dhiùraidh) and sung by: coisir Àrd-sgoil mhicNeacail, Màiri NicDhòmhnaill and stiùbhart greumach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Càit' an robh mo leannan bòidheach,
Bean a' chòtain ruaidh?
An robh i casruisgt' air an lòn
Is drùchd an fheòir cho fuar?
No 'n robh i ruith le casa beaga
Feadh nam preas 's nam bruach,
Gun ghùn, gun chleòc, gun bhrèid, gun bhròig
Ach ann a còtan ruadh.

Cuailean bòidheach 's fiamh an òir dheth,
'S dath an ròis ad ghruaidh;
Suidh leam còmhla 's nì mi òran
Air do chòtan ruadh;
Tha 'n còtan goirid mar is dùth dha,
Tighinn gud ghlùn a-nuas;
Ach troigh as bòidhche cha do chòmhdaich
Còta dubh no ruadh.

Rìgh, beannaich 's glèidh mo leannan,
'S gu ma fad' i buan;
Dà shùil mheallach orm a' fanaid
'S a' cur car am dhuan;
Nuair bhios airgead ann am phòca
Gheibh thu sròl thar chuan;
Ach cha bhith sròl no sìoda dhomh-sa
Mar bha 'n còtan ruadh.

Leabhran: Òrain na Cloinne Mòd 1960; Còisirean Òigridh Mòd 1966/1970/1975.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicDhòmhnaill

Rugadh Màiri "Denny" NicDhòmhaill ann an Eòlaigearraidh, ann am Barraigh, air 13 Giblein, 1942. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhàin, ...

Fiosrachadh air Màiri NicDhòmhnaill / Learn more about Màiri NicDhòmhnaill

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.