Òran air a sgrìobhadh le: Mairead Choineagan agus air a sheinn le: Catrìona NicLeòid.
This is a song written by: Mairead Choineagan and sung by: Catrìona NicLeòid.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann
Nach till thugam chaoidh a-nall
'S e dh'fhàg mo chridhe-sa cho trom
Mar a bhios a' chlann air m' aire.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
Thug mi sgrìob a-mach an dè
'S fhuair mi saighead a bha geur
Falmadair a bh' agad fhèin
'S ann a thrèig thu fhèin ad aindheoin.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
'S beag mo shunnd ris a' chuir suas
Chan ann air a tha mo smuaint
Ach nach d'fhuair mi mo dhà luaidh
Gus an cuir dan uaigh san anart
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
'S gur e mise th'air mo leòn
Mu Iain an gille còir
'N uair a shuidheadh tu mun bhòrd
'S tu nach sòradh oirnn an drama.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
'S nuair dh' èirich am muir na chròic
Lion e 'm bàta chum a beòil
Bha mo Choinneach-sa anns a' sgòd
'S sheall e brònach air a' charraig
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
'S nuair a dh'èirich am muir cùil
Thog e Iain far an stiùir
Bha 'n triùir eile luib an t-siùil
'S chaidh iad dhan a' ghrunnd gu h-ealamh.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
Cuspair an Òrain
Seo mar a dh'innis Murchadh Caimbeul à Scalpaigh an sgeulachd do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis air 21 Màrt, 1986.
"Bha iad a' togail chliabh-ghiomach mu chladaichean na Pàirc Leòdhasaich - dlùth do Rubha Bhàird, mas math mo chuimhne. B' iad na gillean òga a chaidh a bhàthadh, Balaich Eòghainn 'n 'ic Chaluim.
Chionn na clèibh a bhith aca muigh air fuaradh an rubha, bha iad iomagaineach mun deidhinn. Tha seanfhacal ann a tha ag ràdh, "Fear a ghlèidheas a' long, gheibh e latha ga seòladh." Mar an ceudna, tha na lìn 's gach acfhainn eile ro phrìseil don iasgair; ri droch shìde, thèid e gu uchd a dhìchill gus an cumail tèarainte.
A' mhadainn a bha siud, bha e soilleir gur ann am miosad a rachadh an latha. Thog na balaich orra glè thràth. Ged a bha na gillean foghainteach, tapaidh, eòlach air dòighean na siantan is na mara, cha d' fhoghainn sin an lath' ud. Bhuadhaich onfhadh, sruth agus gaoth. Dh'at na tonnan marbhtach.
Cha do thill eathar balaich Eòghainn; cha d' fhuaras na cuirp no rud eile. A dh'aindeoin siubhal is lorg is sireadh cha d'fhuaras roine; shluig an cuan an t-eathar 's na bh' innte.
Nar n-òige, b' eòlach sinn air Dòmhnall Eòghainn, nach robh còmhla ri bhràithrean, Coinneach agus Iain, nuair a chaidh iad às an rathad.
Sònraichte ann am pongalachd agus ann an calmachd, bha mòr mheas air Dòmhnall ann an Scalpaigh, far a bheil cuimhne chùbhraidh air fhathast. A rèir an cliù san eilean, cha robh Coinneach is Iain greim air dheireadh.
Mar bu dual bha guth math seinn aig Dòmhnàll Eòghainn. Chaidh innse dhomh iomadh bliadhna air ais, le seann bhean choir a bha glè eòlach orra uile, nach do sheinn Dòmhnall riamh tuilleadh, an dèidh bàs nam bràithrean.
'S e an gille as òige aig Dòmhnall Eòghainn, Murchadh Moireasdan, a chluinneas sibh air Dèanamaid Adhradh, a' togail an fhuinn san Eaglais Shaoir (Scalpaigh)."

Rugadh Catrìona NicLeòid ann an Àird Mhighe, Leacan Lì ann am Bàigh na Hearadh, air 26 Màirt, 1931. B' e Fionnlaigh Fearghastan, Fionnlaigh Dhòmhnaill Raghnaill, ...
Fiosrachadh air Catrìona NicLeòid / Learn more about Catrìona NicLeòidCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.