Bàs an Eich

Òran air a sgrìobhadh le: Coinneach MacLeòid (Red) agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

This is a song written by: Coinneach MacLeòid (Red) and sung by: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha thìde bhith gad shlaodadh gu Allt na Sgeire Maoile,
Ma gheibh sinn beagan dhaoine nì falbh leat;
Tha thìde bhith gad shlaodadh gu Allt na Sgeire Maoile,
'S gu faigh sinn sruth a' Chaolais fod earball.

Bha dùil am Pabail Iarach gu maireadh tu gu sìorraidh
Nan cumadh iad thu biadhte le arbhar,
Ach 's e tha dhomh na dheuchainn nach d' fhuirich thu car bliadhna
Gu faighinn thu gu cliathadh na talmhainn.

Mo mhallachd aig a' cheàrd ud a reic thu ri mo nàbaidh,
Thuirt ris gu robh thu làidir is calma;
Ach thuig mi bho na cnàmhan nuair sheas thu anns an stàball
Gun theich thu às an Airc ron a' chalman.

Cha robh do chasan còmhnard bho thàinig thu don dùthaich,
Bha car annta gun cùlaibh gun falbh asd';
An sruth a bh' às do shùilean a' bualadh air do ghlùinean -
'S e sin a thug an lùths às do chalpan.

Rinn sinn a h-uile càil gus do chumail bho na ceàrdan,
Le mugaichean deoch-bhàn moch is anmoch;
'S e thuirt an Dotair Mòr bhios a' leasachadh do sheòrsa,
'A Chaluim, 's ann na bhrògan tha 'n aimlisg."

Nuair chuirte thu don harness 's do dhreasaigeadh an-àirde,
Cha bhiodh do shamhail air an t-sràid air feadh Alba;
Ach 's e do chasan cinn-sa, bho nach robh iad coimhleant' -
Cha leigeadh tu do bhoinn chun na talmhainn.

Bha daoine riut cho coibhneil, gad chaithris feadh na h-oidhche
'S iad ag ràdh gur e d' inntinn a mharbh thu;
Chaidh feadhainn de do dhàimhean le cabhaig chun an èildeir
Gus an cumadh iad ort cuimhn' anns an t-searmon.

Nuair chruinnich sinn Dimàirt anns a' mhadainn aig an stàball,
Chaidh fios airson do bhàis air feadh Alba;
Bha Cook 's e leis an ròpa ga theannachadh mud sgòrnan
'S e 'g ràdh gun deigheadh d' fheòil don a' Ghearmailt.

'S ann sin thuirt Coinneach Ìomhair, "Chan eil mi idir riaraicht'
Tha cuideam anns a' bhiast a tha mairbhteach;
Nam faighinn-sa mar dh'iarrainn' dheigheadh ullachadh a dhèanamh
A chumadh e à fianais nan cailleachan'"

Am fear don robh thu dìleas, chan eil e anns an tìr seo,
Ach chuir e thugad wreath a bha ainmeil;
'S e nach robh e ann airson coiseachd aig do cheann
Dh'fhàg an t-eallach buileach trom air na dh'fhalbh leat.

Ma thèid thu chum nan cuantan 's gu faigh an sruth a tuath thu,
Feuch an cùm thu fuaradh air Tolastadh;
Tha bodaich anns an àit' sin, 's ma gheibh iad air an tràigh thu
A thilleas thu chun a' cheàird bhon do dh'fhalbh thu.

An tè a ghabh do chùram, bha staigh 's a dhùin do shùilean
Tha ise gun fàd mònach bho dh'fhabh thu;
Ach mus tig an t-àiteach gheibh i fear nad àite
Ma bhios spare aig na ceàrdan am Barabhas.

Seinneadairean / Performers

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...

Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.