Òran air a sgrìobhadh le: Teàrlach MacMhathain agus air a sheinn le: Murchadh Caimbeul.
This is a song written by: Teàrlach MacMhathain and sung by: Murchadh Caimbeul.
O thus' a thèid don Mhonadh Mhòr
Thoir mo shoraidh do Ghleann Bhairigil
Gum eòlach mi mun bhail' aca
'S bu mhaith leam iad bhith sealbhach;
Fhuair mi sgeul nach misde leam
Tha nis aca ga sheanchas,
Gu bheil Lachlainn Friseal
Agus meas aig' air an t-searbhant.
Mas e gun chuir e ùidh innte,
Tha ionntas aig an t-sealbh dhi –
Is iomadh caileag eireachdail
A leumadh air a' bhargan;
B' eòl' dhomh fèin tè loinneil dhiubh
'S bu toigh leatha bhith falbh leis,
'S gur tric a chum i coinneamh ris
An Coille Siadar anmoch.
Thèid fios a chuir 's gach baile air
Gach caileag agus balachan
Gach bodach is gach cailleach 's air
Gach sgalaig agus searbhant',
Gach iasgair is gach maraiche,
Gach ceannaiche is sealgair,
'S bheir mise dhuibh mo ghealladh
Gum bi banais a bhios garbh ann.
Bidh cuirm ann a bhios sòlasach,
Bidh pàirt de dh'fheòil an tairbh ann;
Bidh bocan air an ròstadh ann
Bidh ròcaisean, bidh sgairbh ann;
Bidh bonnaich air an òirlich ann
De aran-eòrn' is beirm ann,
'S an iongnadh leibh na còcairean
An còmhnaidh a bhith coirbte.
Thig na Hearaich còmhla ribh
Ma dheònaicheas sibh gairm orr';
Gur grinn a bhios an còmhlan
Tha mi 'n dòchas nach bi stoirm ann;
'S ma bhios an aimsir bagarrach
'S nach bi an t-aiseag soirbh dhaibh,
Gun tig long-adhair dìreach
Leis a' phìobair' às an Tairbeart.
Ach tha duine neònach ann
Tha 'n-còmhnaidh dèanamh rann dhut;
Cha toir thu cuireadh idir da
Chan leig thu fios an àm da;
Ach cha ghabh e diùltadh bhuat
Tha ùidh aig anns an dannsa
'S bidh cliabh aig air a chùlaibh
Gu bhith giùlan a' bheir-bainnse.
Cuspair an Òrain
Bha Alasdair MacNeacail, a sgrìobh History of Skye (MacLean Press, An t-Eilean Sgitheanach, 1995) eòlach air a' bhàrd agus 's ann à làmh-sgrìobhainn a dh'fhàg e a thàinig na facail. Dh'fhàg e cuideachd an cunntas seo air carson a rinn Teàrlach a' Phosta an t-òran:
"Mu mhìle gu leth deas air Port Righ bha tuathanas dom b' ainm Gleann Bhairigil far an robh caileag as na Hearadh na searbhanta. Ann am baile faisg air an àite bha tàcharan de chìobair, fear Lachlainn Friseal, aig an robh ùidh anns a' bhan Hearach agus, ma b' fhìor, chaidh còrdadh pòsaidh a dhèanamh ann an aithghearrachd. Ach leis cho buailteach sa bha Teàrlach air aoireadh a' Chìobair, am measg nan iomadh cuireadh eile a rachadh a mach, ar leis nach robh dòchas air bith gun tigeadh aon a rathad-san."
Rugadh Murchadh Caimbeul air 18 Dùbhlachd, 1928, ann an Eilean Scalpaigh na Hearadh, an ceathramh mac bu shine den t-sianar mhac a bha aig Coinneach ...
Fiosrachadh air Murchadh Caimbeul / Learn more about Murchadh CaimbeulCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.