Balaich an Iasgaich

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Moireasdan agus air a sheinn le: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais agus iain m. màrtainn.

This is a song written by: Dòmhnall Moireasdan and sung by: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais and iain m. màrtainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Fàilte gu fearann air balaich an iasgaich
Iomradh is tarraing is gearradh a' bhiathaidh,
Coma leam leabaidh no cadal no biadh
Gum faigh mi mo lìon an òrdugh.

Bàtaichean Gallach a' gearradh an t-siabain,
Biotadh gu caladh an aghaidh sruth lìonaidh,
Bàtaichean biorach aig Nisich is Siaraich
Fada mun iar air Rònaigh.

Tha 'n geamhradh cho fada 's an gaillean cho cruaidh,
Droch shìde le cabhadh, clach-mheallain is fuachd,
Cha mhòr tha chur-seachad aig balaich 'an Ruaidh
Ach cèilidh is bualadh eòrna.

Thig an Fhèill Phàraig mum pàigh sinn na fiachan
Ri dorghach nam biorach air slios an Taoibh Siair;
Tha prìs air an langainn an Sasainn am bliadhna
'S gheibh mi mo lìon an òrdugh.

Bidh riasladh is màladh air ràmh agus cliabh
Gun iaradh no tàmh eadar àiteach is lìon;
Thug Cailean a làmh dhomh nam pàigheadh an t-iasg
Gu faodainn Cairistìona phòsadh.

'S i leabaidh as fheàrr leam na gàbhadh nan tonn
Tha plaide mo mhàthar 's mo làmh fo mo cheann,
Nas fheàrr na bhith lapadh ri fasgadh nan crann
Ag èisteachd ri srann nan ròpan.

Siud agaibh na balaich nach gearain air cruadal,
Sìnt' air a' bhalaist gun pheallaig mun uachdar;
Còignear no seisear 's an lethcheann air cluasaig,
Ulpagan cruaidhe Cheòsan.

Nuair thig sinn à Gallaibh 's a thogar am bàrr,
Bheir bùth Sheumais Chaluim dhuinn preasain air dhàil;
Bidh dùil 'am bho Chailean ri feannag no dhà,
'S bheir m' athair a' phàirc is bò dhuinn.

Nam faighinn Cairistìona chan iarrainn a-chaoidh
Ach bothan beag riabhach is sìoman mu dhruim
Sabhal is bàthach is stàbhag bò-laoigh,
Gearran beag donn is òisgean.

Seinneadairean / Performers

An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...

Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.