Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacPhàidein agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig shruighlea agus còisir àrd-sgoil an Òbain.
This is a song written by: Iain MacPhàidein and sung by: còisir ghàidhlig shruighlea and còisir àrd-sgoil an Òbain.
Sèist / Chorus
Bha mi air banais am Bail' Inbhir Aora,
Bha mi air banais am Bail' Inbhir Aora,
Chaidh mi gu banais le cuideachd o 'n bhaile,
'S gun d'fhuair mi mo leannan am Bail' Inbhir Aora.
An toiseach an Earraich, 's mo lìon air an fharadh,
'S mi 'm chlaoidh leis an fhadal, gun ealain, gun saothair,
Gun d' thàinig an rathad fear-cuiridh o m' charaid
Gam iarraidh gu banais am Bail' Inbhir Aora.
'S a' mhadainn mun d' fhàg mi, b' i earail mo mhàthair,
"Bi stuama, bi càirdeil nad nàdar, a laochain;
Rach sgiobalta, sgoinneil nad èideadh 's nad anart
Mu 'm bi thu nad mhasladh dhomh 'm Bail' Inbhir Aora."
Nuair thog sinn ri bruthach gu h-uallagach iollagach,
Òigridh air mhire, tro fhireach is aonach,
Bu shunndach ar caithream thar mòinteach is ghleannan,
'S a' phìob a' toirt langan air "Bail' Inbhir Aora."
Ach bheir mi mo ghealladh dhuibh, òigridh a' bhaile,
Ged 's ann an cagar nach canainn ri daoine,
Ma shnamhas an sgadan am bliadhna mar 's math leinn
Bheir mise dhuibh banais am Bail' Inbhir Aora.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.