Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Cairistìona Primrose, Ceitidh Anna NicLeòid, coinneach mac a' ghobhainn (Coinneach Ruadh), Kathleen NicDhòmhnaill, Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich agus Seasaidh NicChoinnich.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Cairistìona Primrose, Ceitidh Anna NicLeòid, coinneach mac a' ghobhainn (Coinneach Ruadh), Kathleen NicDhòmhnaill, Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich and Seasaidh NicChoinnich.
'S fhada shiubhail mi nam aonar san òg mhadainn thràth
Mach tro ghleanntaichean uaine mar fhear fuadain gun tàmh
Sin a chunnaic mi a' ghruagach 'n taobh shuas dhìom ri tàmh
Is i ri nighe a cuid aodaich a-mach air aodann Srath Bàn.
Sin a dhìrich mi suas a chum na gruagaich gun dàil
Agus labhair mi rithe gu sìobhalta blàth
Tha bliadhn' agus còrr bhon a thòisich do ghràdh
Is ma bhitheas tusa, ghaoil, deònach gum bi sinn pòsta gun dàil.
Gu pòsadh, gu pòsadh, ro òg tha mi 'n-dràst'
Tha teanga aig do sheòrsa ro fhòirneartach ceàrr
Bhiodh m' athair is mo mhàthair gam chàineadh gu bràth
Airson pòsadh ri do leithid-sa, a fhleasgaich gun stàth.
Na labhair mar sin riumsa, a nighean an àigh
Cha do dh'fhairich thus' idir mar tha mis' aig do ghràdh
Dèan tionndadh 's bi deònach 's thoir dhòmhsa do làmh
Is math gu faod sinn a dhol còmhla 's a bhith gu sòlasach slàn.
Na buair mi nas fhaide, a fhleasgaich an-dràst'
Gabh seachad air an rathad, 's leig leam mar a tha;
'S mòr gum b' fheàrr leamsa bhith ann a' seo ri tàmh
Na bhi maille riut fad rè mo shaoghail-sa mach air aodann Srath Bhàin.

Mairead ...
Fiosrachadh air Mairead agus Donaidh MacLeòid / Learn more about Mairead agus Donaidh MacLeòid
Rugadh Seasaidh Anna NicAoidh NicChoinnich air 24 Samhain, 1918. B' i a b' òige den cheathrar theaghlach a bha aig Murchadh Choinnich Mhurchaidh agus a ...
Fiosrachadh air Seasaidh NicChoinnich / Learn more about Seasaidh NicChoinnichRugadh Ceitidh Anna NicGilleathain, Ceitidh Anna Chailein Aonghais Iain à 17 Ceann a Deas Bhràgair air 18 Ògmhios, 1913. Phòs i fear a bha a' ...
Fiosrachadh air Ceitidh Anna NicLeòid / Learn more about Ceitidh Anna NicLeòid
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Rugadh agus thogadh Cairistìona Primrose ann an Càrlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais tràth as na 50an. 'S ann às Càrlabhagh a bha a pàrantan, ...
Fiosrachadh air Cairistìona Primrose / Learn more about Cairistìona PrimroseCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.