An Till Mise Chaoidh

Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacLeòid agus air a sheinn le: Ailig MacIllFhinnein.

This is a song written by: Calum MacLeòid and sung by: Ailig MacIllFhinnein.

Facail an Òrain / Song Lyrics

An till mise chaoidh do na glinn san robh mi òg,
Far 'm gu chridheil aoibhneach sinn, gun uallach inntinn oirnn;
A' buachailleachd crodh-laoigh agus gamhna mar bu nòs,
O 'n till mise chaoidh do na glinn san robh mi òg?

Is tric mi a' cuimhneachadh air gach loch is linn' is òb,
Smeòrach ghlas nan glinn, a' seinn cho binn am measg nan còs
An crodh is iad cho riaraichte air liantan 'g ith an fheòir
'S na sùlairean nan cliathan dol sìos mu chladach Leòdhais.

'S minig mi a' beachdachadh air na h-achaibh 's iad fo phòr,
Fraoch air bhàrr nam beannaibh is na machraichean fo ròs,
Eathraichean ag iasgach is gu sgiamhach ruith fo sheòl,
'S a' ghrian ri dol sìos taobh an Iar Loch a Ròg.

Cha dèan mise dìochuimhn' air feasgar fèathach reòtht'
An eala bhàn na sgiamha ri sgiathalaich san òs;
'S a' ghealach cho ion-mhiannaichte ri riaghladh anns na neòil,
Is fuaim Tràigh Ùig is Sanndaig, O, b' annsa leam an ceòl.

Ged a ruiginn crìochan air fad 's air leud nan Stàit'
M' aigne-sa bidh 'g iarraidh don eilean san dèanainn tàmh,
Far bheil na beanntan fianaich 's na slèibh fo chaoraich bhlàr,
'S far an cluinn thu 'n Cuan a Siar tighinn gu h-iarganach gu tràigh.

Siud an t-àit' bu mhiann leam 's an iarrainn bhith rim bheò
Measg chàirdean bàidheil fialaidh bu chiatach iad mun bhòrd,
Gu fallain slàn a dh'iarrainn sibh is biadh a bhith nur stòr
Bu tlachdmhor bhith sa ghleann ud 's cha b' e Galltachd bailtibh mòr.

Ged is fhada thall tha mi 's gun ghanntachd air mo stòr,
Tha mo dhùrachd-sa measg ghleanntan is bheanntan Eilean Leòdhais,
Ach tha sùil agam bhith ann ro fheasgar fann mo lò,
Is lùiginn a bhith adhlaichte aig Ceann Tràigh Dhaile Mòir.

'S iongantach a bhith smaoineachadh air caochlaideachd ar lò
Na suinn bha cridheil aotrom, gun aon an àite an òig,
Tha leapannan nis fàs, dh'fhàg siud pàrantan ri bròn
Sgapte air feadh gach ceàrnaidh iad, O slàinte leis na seòid!

Mo bheannachd leis gach màthair tha na làithibh seo ri bròn
Airson dealachadh ri pàistean, is pàirt nach tachair beò;
'S eagal leam gum fàsaichear àit' mo ghràidh san deach m' àrach òg:
Na dh'fhàg am Metagàma ac', tha 'm Màrloch leotha fo sheòl.

Fàgam fhèin an tràth-sa sibh, am dhàn cha chan mi 'n còrr
Mo shoraidh chum mo mhàthair 's mo chàirdean beag is mòr,
M' aigne-sa bhith blàth don àite seo rim bheò,
Gu lùiginn fallain slàn sibh 's gach àit' an Eilean Leòdhais.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an t-òran seo air fhoillseachadh le Comann Eachdraidh Chàrlabhaigh ann an Sop às gach Seid, Àireamh 22.

Seinneadairean / Performers

Ailig MacIllFhinnein

Rugadh Ailig MacIllFhinnein, Ailigean 'an Ilip, Ailig Iain Fhionnlaigh Alasdair, anns Na Geàrrannan anns a' Ghiblein, 1927, agus b' i Peigi Choinnich 'an Choinnich a ...

Fiosrachadh air Ailig MacIllFhinnein / Learn more about Ailig MacIllFhinnein

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.