An Tèid Thu Leam Mo Nighean Donn

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Moireasdan (Geinidh) agus air a sheinn le: seasaidh nicrath agus Seonag NicChoinnich.

This is a song written by: Dòmhnall Moireasdan (Geinidh) and sung by: seasaidh nicrath and Seonag NicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

'N tèid thu leam mo nighean donn,
Falbh thu leam gu tìr mo rùin,
'N tèid thu thairis leam thar thonn
Null gu eilean donn an fhraoich?

Tha gach abhainn, sruth is allt
Siubhal mall gu tràigh a' chuain
'S bidh na h-eòin le ceòl nach gann
Madainn shamhraidh air am bruaich.

Chì thu cladaichean 'n Taobh Siar,
Mais' a' riaghladh anns gach àit',
'S air gach cnoc is gleann bidh sgiamh
Nuair a bhios a' ghrian cur fàilt'.

Chì thu machraichean an Taobh Thall
Gu tràigh Shanndaigh 's Druim an Sgèir
Cnoc na Ceàrdaich ris an allt
Air an campaich crodh gu sèimh.

Chì thu 'n cladach a tha buan,
Gheodha Ruadh dhan tug mi gràdh,
'S tric a thug ar sinnsir riamh
Iomadh biathadh aist' le tràigh.

Chì thu 'n cnoc mun robh mi uair
Dèanamh ruagail air gun bhròig,
'S bidh an t-ionad thog mi suas
Cur am smuain nuair bha mi òg.

Siud an t-àit' san robh mo thriall,
Siud a' chrìoch don tug mi spèis,
Siud an tulach beag bho chian
Bha na dhìon dhomh 's mi gun chèill.

Ach dh'aindeoin àit' san robh mi riamh,
Ged a thriallainn an Roinn Eòrp'
'S e na Còig Peighinnean mo mhiann
'S far an iarrainn crìoch mo lò.

Seinneadairean / Performers

Seonag NicChoinnich

Seonag NicChoinnich

Rugadh Seonag NicChoinnich ann an Siadar a' Rubha, Leòdhas air 2 Sultain, 1929. Ann an Sgoil na h-Àird, b' e Ciorstag Mhòr no Miss Murray ...

Fiosrachadh air Seonag NicChoinnich / Learn more about Seonag NicChoinnich

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.