An Tèid Thu Leam a Mhàiri

Òran air a sgrìobhadh le: iain mac an rothaich agus air a sheinn le: cailean ailig macÌomhair agus Iseabail NicAsgaill.

This is a song written by: iain mac an rothaich and sung by: cailean ailig macÌomhair and Iseabail NicAsgaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

An tèid thu leam a Mhàiri
An tèid thu leam a Mhàiri
An tèid thu leam a Mhàiri dhonn
Gu tìr nam beanntan àrda?

Tha crodh agam air àirigh
Tha laoigh an cois am màthair
Tha sin agam is caoraich mhaol
Air aodann nam beann àrda.

Dh'aithnichinn fhìn do bhàta
Steach mu Rubh' na h-Àirde
Brèidean geala anns an t-seòl
Is Clann Mhicleòid gan càradh.

Cha tèid mi leat a Ghàidheil
Mo dhùthaich chaoidh chan fhàg mi
Gur bochd am fonn 's tha an t-aran gann
An tìr nan gleann 's nan àrd bheann.

Dreach 2:

Sèist / Chorus

An tèid thu leam a ghràidheig,
'S am falbh thu leam thar sàile,
An tèid thu leam air bhàrr nan tonn,
Gu tìr nan gleann 's nan àrd-bheann?

Led chumadh dealbhach, àillidh,
Mar dheàlradh reult na fàire;
'S e d' nàdar ciùin, do bhàigh, 's do mhùirn,
A leag a rùin mo ghràdh ort.

Cha tèid mi leat a Ghàidheil,
Mo chàirdean gaoil chan fhàg mi,
Cha tèid mi leat a thìr nam beann,
Chan fhàg mi clann mo mhàthair.

Cha tèid mi leat a Ghàidheil,
Mo dhùthaich chaoidh chan fhàg mi,
Oir 's bochd am fonn, 's tha an t-aran gann,
An tìr nan gleann 's nan àrd bheann.

Cha tèid mi leat a Ghàidheil,
Chan eil do thaigh ach tàireil,
'S bhithinn fo sprochd, nam bithinn bochd,
An tìr nan cnoc 's nan àrd bheann.

Ged nach eil mo luing' air sàile
Gu saibhreas dhèanamh 'n àird dhomh
Thèid bàt' is lìon gach latha gu rian,
'S bidh agad iasg gu t-àilghios.

Stad a-nis a Ghàidheil
Mo ghaol, mo rùn 's mo làmh dhut;
'S gun tèid mi null gu tìr nam beann
On choisinn fonn do dhàin mi.

Seinneadairean / Performers

Iseabail NicAsgaill

Iseabail NicAsgaill

'S ann às an Rubha, Leòdhas, a tha Iseabail NicAsgaill ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis. Tha i pòsta aig ...

Fiosrachadh air Iseabail NicAsgaill / Learn more about Iseabail NicAsgaill

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.