An t-Suirighe Thubaisteach

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacEacharna (Bàrd Dhiùraidh) agus air a sheinn le: Ruairidh Caimbeul.

This is a song written by: Dòmhnall MacEacharna (Bàrd Dhiùraidh) and sung by: Ruairidh Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Cha tèid mise tuilleadh a shealltainn na cruinneig
Cha tèid mise tuilleadh air shuirigh an ghleann,
Cha tèid mise tuilleadh a shealltainn na cruinneig,
Cha dìrich mi 'm bruthach, chan urrainn mi ann.

Nuair rinn mi mo bhrògan gu snasmhor a ghròbadh,
'S a ghluais mi cho ceòlmhor ri smeòrach air chrann,
A shealltainn na h-òighe, tha thall ud a chòmhnaidh,
Cha chreidinn am dheòin gur e ghòraich a bh' ann.

Bha m' inntinn làn suigeart nuair ràinig mi 'n uinneag,
'S mi cinnteach gun cumadh a' chruinneag rium cainnt,
'N uair dh'fhosgail i 'n duilleag 's a theann mi ri furan,
'S ann thaom i, an truille, an cuman mam cheann.

'S mur tuiginn an sanas sin, stuig i am madadh,
Bha màthair 's a h-athair a' labhairt le sgraing,
Thuit ceò air mo lèirsinn, is m' anail gu m' thrèigsinn,
An rathad cha b' lèir dhomh, is leum mi san staing.

Mi fodha gu m' shùilean an eabar an dùnain,
Mo bhriogais mum ghlùinean 's an cù orr' an geall,
Bu mhiosa nan còrr leam bhith faicinn na h-òinsich,
Aig uinneag a seòmair ri spòrs air mo chall.

Marbh'aisg air an ullaid, 's i dh' fhàg mi am bhurraidh,
Mo chaiseart san runnaich, 's mo thriubhas sa ghleann,
'S mi 'n seo às mo lèine ag altram mo chreuchdan
'S an ionad nach lèir dhomh am brèid a chur teann.

Toirt bòidean do Mhoire, ma chaomhnar mi 'm dhuine,
Ged gheibhinn an cruinne, 's na h-uile nì th' ann,
Nach tèid mise tuilleadh air chèilidh no shuirigh,
'S nach fhaicear mo luideagan tuilleadh sa ghleann.

Seinneadairean / Performers

Ruairidh Caimbeul

Ruairidh Caimbeul

Rugadh Ruairidh Caimbeul, Ruairidh Pheter Ruaraidh, anns an Nasg, am Barraigh, air 22 an Ògmhios, 1937. B' i Theresa NicIain, Tèireag Aonghais Chaluim, a ...

Fiosrachadh air Ruairidh Caimbeul / Learn more about Ruairidh Caimbeul

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.