An t-Eilean Muileach

Òran air a sgrìobhadh le: Dùghall MacPhàil agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain, Dòmhnall MacLeòid, Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill, kirsteen menzies agus judith mann agus Niall MacIllEathain.

This is a song written by: Dùghall MacPhàil and sung by: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain, Dòmhnall MacLeòid, Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill, kirsteen menzies agus judith mann and Niall MacIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

An t-Eilean Muileach, an t-eilean àghmhor,
An t-eilean grianach mun iath an sàile;
Eilean buadhmhor nam fuar-bheann àrda,
Nan coilltean uaine, 's cluaintean fàsail.

Ged tha mi 'm fhògarrach cian air m' aineol
Sa Chaisteal Nuadh, san taobh tuath de Shasainn,
Bidh tìr mo dhùthchais a' tighinn fa-near dhomh,
An t-Eilean Muileach bu lurach beannaibh.

B' fhallain, cùbhraidh, 's bu rèidh an t-àilean,
Le blàthan maoth-bhog bu chaoine fàileadh;
Bu ghlan na bruachan mun d'fhuair mi m' àrach
An Doire Chuilinn aig bun Beinn Bhàirneach.

Air Lusa chaisleach nan stac 's nan cuartag,
Bhiodh bradain thàrr-gheal nam meanbh-bhall ruadh-bhreac,
Gu beò-bhrisg siùbhlach, le sùrd ri lùth-chleas
Na cuislibh dùbhghorm gun ghrùid, gun ruadhan.

Bu chulaidh-shùgraidh do dh'òg-fhir uallach,
Le gathan tri-mheurach, rinneach, cruaidh-ghlan,
Air caol-chroinn dhìreach, gun ghiamh, gun chnuac-mheòir,
Bhith toirt nan làn-bhreac gu tràigh mu bruachan.

Gheibhte 'n ruadh-chearc 's na coilltean ìosal,
'S a coileach tùchanach dlùth ga brìodal;
'S ged bha na beanntaibh gun fhaing, gun fhrìthean,
Bha daimh na cròice nan còrsaibh lìonmhor.

B' e 'n sòlas-inntinn leam a bhith 'g èisdeachd
Ri còisir bhinn-ghuthach, ghrinn a' Chèitein,
A' seinn gu sunndach an dlùths nan geugan -
A' choill' fo liath-dhealt, 's a' ghrian ag èirigh!

Chlaon gach sòlas dhiubh sud mar bhruadar
'S mar bhristeadh builgein air bhàrr nan stuagh-thonn:
Ach soraidh slàn leis gach loinn is buaidh
A bh' air eilean àghmhor nan àrd-bheann fuara.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Bha Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ma ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Dòmhnall MacLeòid

'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach ...

Fiosrachadh air Dòmhnall MacLeòid / Learn more about Dòmhnall MacLeòid
Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill
Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Niall MacIllEathain

Niall MacIllEathain

Ged a rugadh e ann an Glaschu, 's ann an Earra-Ghàidheal, ri taobh Loch Eala, a fhuair Niall MacIllEathain (1896-1962) àrach. Bha a sheanair agus ...

Fiosrachadh air Niall MacIllEathain / Learn more about Niall MacIllEathain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.