Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLeòid agus air a sheinn le: Carol Nic a' Bhreatannaich, dena nicÌomhair, kirsteen menzies, Kitty NicLeòid, mairead nic a' phiocair, mairead sìne nicLeòid agus Seumas Mac a' Ghobhainn.
This is a song written by: Iain MacLeòid and sung by: Carol Nic a' Bhreatannaich, dena nicÌomhair, kirsteen menzies, Kitty NicLeòid, mairead nic a' phiocair, mairead sìne nicLeòid and Seumas Mac a' Ghobhainn.
An t-eilean mu thuath, an iomall a' chuain,
An t-eilean san d'fhuair mi m' àrach;
Far an d'fhuair mi 's mi òg bainne fìor-ghlan ri òl,
'S bha m' anam tighinn beò 's a' fàs leis.
An t-eilean a tuath, an t-eilean tha fuar,
'S e Leòdhas bho thuath mo ghràidh e;
Far nach cluinn mi rim bheò bhith sealg no bhith 'g òl,
No làmhagh no òrd air an t-Sàbaid.
Nach mis' tha gu truagh, gu tùrsach 's fo ghruaim,
Bho chuir mi ri tuath mo chùlaibh;
Nuair choisich i dian chuir i cùrs oir' gun iar,
'S thug dorchadas dhìomsa Mùirneag.
Chan eil math dhomh no stàth bhith tuiream sa chàs,
Chan aithreachas tràth a th' ann dhomh;
Chan urrainn mi snàmh gu cuideachd mo ghràidh
No coiseachd air tràigh do Leòdhas.
Nuair chaidh sinn fo rùm, 's sinn airtnealach trom,
Bha cuid againn tinn 's ann an gàbhadh;
'S ged dhùin iad air ball gach uinneag is toll,
Bha smùidrich nan tonn tighinn an àirde.
Bha sinne 's sinn shìos, 's sinn glaiste fo fhiamh,
Ach bha Esan a' riaghladh os àirde;
Is ghuidh sinn air Dia bhith dhuinne mar sgiath,
'S gun tugadh E tèaraint' thar sàil sinn.
Bha E Fhèin air an stiùir is Dia air ar taobh
Toirt solas as ùr don oidhche;
'S ghuidh sinn don ghaoth bhith tosdach na sìth,
Gun deach sinn air tìr ann an Cùidhbeig.
Rugadh Seumas Mac a' Ghobhainn ann an Newton ann a' Steòrnabhagh air 25 Lùnasdal, 1929. 'S e clachair a bha na athair, Ruairidh, a bhuineadh ...
Fiosrachadh air Seumas Mac a' Ghobhainn / Learn more about Seumas Mac a' Ghobhainn
Anns a' bhliadhna 1914, rugadh Kitty NicLeòid anns na h-Innseachan, far an robh a h-athair Coinneach MacLeòid, Coinneach Aonghais Ruaidh no A' Gheinn, à Adabroc ...
Fiosrachadh air Kitty NicLeòid / Learn more about Kitty NicLeòid
Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...
Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' BhreatannaichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.