Òran air a sgrìobhadh le: Niall Mac a' Phearsain (Niall Ceannaiche) agus air a sheinn le: innis macLeòid agus Seonaidh MacGillìosa.
This is a song written by: Niall Mac a' Phearsain (Niall Ceannaiche) and sung by: innis macLeòid and Seonaidh MacGillìosa.
'S e 'n t-eilean grianach fallain e
Is fasgadh air gach taobh dheth;
Gheibh loingeas mhòr nan crannaibh àrd
An àite tàmh san Dùbhlachd.
'S iomadh laoch a dh'àraich e
Thug Pàrlamaid an cliù dhaibh;
Choisinn buaidh dhuinn anns na blàir
'S thug air an nàmhaid lùbadh.
'S iomadh fàrdaich tha 'n-diugh fàs
Is màthair tha gu tùrsach,
Caoidh na dh'fhalbh a-null air sàl
'S nach till gu bràth gan ionnsaidh.
'S bu shunndach siubhal gharbhlaichean
Na laoich bha calma sunndach,
Cheannsaich dhuinn na Gearmailtich
Le claidheamh ceannabheairt rùisgte.
'S g' eil mòran dhen an àireamh dhiubh
Nach till gu bràth gan ionnsaidh,
'S an àite-còmhnaidh ann am Pàrras
Rìgh nan Gràs gan crùnadh.
'S ged is òg a dh'fhàg mi 'n t-àit'
Tha thràigh an-diugh cho ùr dhomh;
Saoilidh mi gu faic mi 'n Àrd
Na bàtaichean san Ùrdainn.
'S nuair a thig an t-earrach oirnn
'S a' chamhanaich 'n àm dùsgaidh,
Bidh ghrian a' toirt do shealladh bhuat
Is d' fhallas tighinn na dhriùchd ort.
Nuair a thig mhìos Mhàigh oirnn
Gach lus a' fàs on driùchd ann;
Bidh eòin nan speur air bhàrr gach gèig
Sa chaimhleas èibhinn flùrain.
B' e 'n ceòl as binne thèid air ghleus
Rin èisteadh tu car ùine,
Caoraich bhàn air uchd an Àird
'S an àl a' ruith gan ionnsaidh.

Rugadh Seonaidh MacGillìosa, Seonaidh Theàrlaich, ann an 1897. B' ann às an Dìg ann a' Stafainn a bha e. Bha sianar san teaghlach, nam measg ...
Fiosrachadh air Seonaidh MacGillìosa / Learn more about Seonaidh MacGillìosaCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.