Òran air a sgrìobhadh le: Seumas Dòmhnallach agus air a sheinn le: Anna NicIllEathain.
This is a song written by: Seumas Dòmhnallach and sung by: Anna NicIllEathain.
Sèist / Chorus
An t-eilean àlainn san Linne Mharbhairnich,
San d'fhuair mi m' àrach nuair bha mi òg -
Nach tric mi smaointeachadh ort am aonar
Gun toir mi gràdh dhuit gach là rim bheò.
Nuair dh'èireas grian air sa mhadainn shamhraidh
Gur iad do chlann-sa bu mhiann bhith ann,
Ach tha iad sgaoilte air feadh an t-saoghail
'S chan eil ach caoraich ri taobh nan allt.
Tha 'n còinneach fàsach a' cinntinn nàdar
'S chan fhaic thu làrach nan daoine ciùin;
Le fuadach 's bàirlinn chaidh 'n cur thar sàile,
'S an t-àl a dh'fhàg iad, cha till iad ruinn.
Na cluaintean àlainn a dh'fheum iad fhàgail
A' dol nam fàsach, gun bhò, gun chloinn,
'S na dailtean prìseil a threabh an sinnsear
Chan fhaic thu nì annt' ach luachair dhonn.
Bha daoine càirdeil san eilean àghmhor,
A chuireadh fàilte oirnn nuair bha sinn òg:
'S e dhèanadh feum dhuinn a dhol air chèilidh,
A dh'èisteachd sgeulachd nan daoine còir.
O seinn mun dealbh seo, a chlann nan Gàidheal,
Lios Mòr na h-Alba, fo dhìon nam beann;
'S ged dh'fhàg sibh 'n t-àite, na caill bhur cànan,
'S gum bruidhinn sibh Gàidhlig ma thig sibh ann.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha na h-òrain aig Seumas agus a chàirdean, le fiosrachadh mu na bàird agus am beatha, anns an leabhar a sgrìobh Maighread Dhòmhnallach Lobban, nighean Sheumais, Lachann Dubh a' Chrògain, Bards of Mull and Lismore. Chaidh fhoillseachadh le The New Iona Press ann an 2004.

Rugadh Anna NicIllEathain (Draper) anns an t-Sàilean, Muile. Chaidh i dhan sgoil aig Aiseag Ulbha, an dèidh sin an Tobar Mhoire agus mu dheireadh a ...
Fiosrachadh air Anna NicIllEathain / Learn more about Anna NicIllEathainBBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.