Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Pàdraig Grannd agus air a sheinn le: Calum Màrtainn agus iseabail anna mhàrtainn.
This is a song written by: An t-Urr. Pàdraig Grannd and sung by: Calum Màrtainn and iseabail anna mhàrtainn.
'S i nighean Shioin is feàrr dheth, 's i fhuair am fàbhar mòr
A bhith tighinn a-nuas on fhàsach, is fear a gràidh na còir.
Chan iarrainn-s' tuilleadh fàbhair na greis an tìr nam beò,
Ach laigh' air uchd an t-Slànaighear, an t-àit' anns an robh Eòin.
Bhiodh am broilleach blàth sin gam àrach 's bhithinn beò,
Le neart nam briathran gràsmhor, rin iarraidh b' fheàrr na 'n t-òr.
Bhiodh m' anam air a shàsach le pàirt den aran bheò,
Nuair gheibhinn bhith fo sgàil-san, an t-àit' anns an robh Eòin.
Cha b' eagal leam an tràth sin gach nàmhaid th' air mo thòir,
'S gum b' e do ghàirdean ghràsmhor mo neart 's mo shlàint' 's mo threòir.
Cha sgaradh beath' no bàs mi gu bràth o ghaol cho mòr
Bha cordon gràidh cho làidir, san àit' anns an robh Eòin.
Cha chuimhnichinn an tràth sin air sàrach gleann nan deòir,
Is trioblaidean na fàsaich, cha bhiodh an-dràst' cho beò.
'S e 'n gaol nach gabhadh àicheadh, a bhiodh an-dràst' gam leòn,
Airson nach robh mi airidh air an àit' a bha aig Eòin.

Rugadh Calum Màrtainn ann an Glaschu ann an 1953, mac le Catrìona Choinnich Amhlaigh à Breascleit agus Dòmhnall Chaluim Iain Chaluim Màrtainn à Siadar Bharabhais. ...
Fiosrachadh air Calum Màrtainn / Learn more about Calum MàrtainnCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.