Òran air a sgrìobhadh le: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) agus air a sheinn le: Calum MacArtair, Fionnlagh MacNèill, iain d. howie agus Murchadh Iain MacCoinnich.
This is a song written by: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) and sung by: Calum MacArtair, Fionnlagh MacNèill, iain d. howie and Murchadh Iain MacCoinnich.
Sèist / Chorus
Ochòin a rì 's i mo rìbhinn donn
Dh'fhàg mi fo mhì-ghean is m' inntinn trom,
Gur e a bòichead a rinn mo leònadh,
'S cha bhi mi beò gun mo ribhinn donn.
Is truagh an-dràsta nach robh mi 'm bhàrd
A ghleusadh clàrsach 's a sheinneadh dàn,
'S gun innsinn buadhan na maighdinn uasail
Mu bheil mo smuaintean gach oidhche 's là.
Nuair thig an Cèitean do ghleann an fhraoich
Gun toir e fàs air gach blàth-lus raoin,
Is gheibh mi samhladh an sin dom annsachd,
Am flùran greannmhor a dh'fhàs cho caoin.
Ged tha mo ghrian-sa a' triall fo sgleò
Is mis' am bliadhna mar eun sa cheò
Togaidh an sgàile 's ni ise deàrrsadh
'S gum faigh mi slàinte gach là ri m' bheò.
Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Màrt 1940. B' e càraid a bh' ann fhèin is a bhràthair Coinneach. Bha an athair bhon ...
Fiosrachadh air Calum MacArtair / Learn more about Calum MacArtair
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill
Rugadh Murchadh Iain MacCoinnich, Murdo John na Mol, ann an Cros, ann an Nis, Leòdhas, air 6 Ògmhios, 1943. B' e Murchadh a bh' air ...
Fiosrachadh air Murchadh Iain MacCoinnich / Learn more about Murchadh Iain MacCoinnichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.