Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Màiri NicGillEathain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Màiri NicGillEathain.
Sèist / Chorus
'S mise tha fo mhì-ghean
Mun ghille dhonn
Òigear nan rosg mìogach
Dh'fhàg m' inntinn trom
'S mise tha fo mhì-ghean
Mun ghille dhonn.
'S mise th' air mo sgaradh
Bho thoiseach an earraich
Dhealaich uam mo leannan
Maraiche nan tonn.
Thug mi gaol a chràidh mi
Do sgiobair a' bhàta
Gheibhinn cadal sàmhach
Leat air bhàrr nan tonn.
'S e 'n gaol a thug mi òg dhut
An diugh a tha gam leònadh
A chaoidh cha dìobair m' fheòil thu
Fhad 's is beò mo chom.
Oir tha mòran bhuaidhean
Air mo run 's mo luaidh-sa
Bu tu làmh a' chruadail
Mòran uaills' a' d' chom.
'S e bhith ort a' bruidhinn
A nochd a tha gu m' ruigheachd
Òigear, a Chloinn Iain,
Dh'fhàg mo chridhe trom.
'S maraich' thu gu seòladh
Cho math 's a ghlac ròpa
Sealgair thu air mòintich
'S leònadh tu 'n damh-donn.
Nuair thigeadh tu dhachaigh
'S do ghunn' ann a d'achlais
Sealgair geòidh is eal' thu
'S a' chearc riabh'ch air fonn.
Dol staigh an Caol Cannach
Shèid e oirbh gu frasach
Thàinig fairge tharsainn
'S bhuail e thu gu trom.
Thàinig air do chùl-thaobh
Na chuir anns a' ghrunnd thu
'S e dh'fhàg mise tùrsach
Mo rùn bhith tàmh fon tonn.
Ged a rugadh 's a thogadh Màiri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à ...
Fiosrachadh air Màiri NicGillEathain / Learn more about Màiri NicGillEathainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.