Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair MacFhionghain, Mòrar agus air a sheinn le: Aonghas Greumach (Aonghas Mòr, Diùc Mhontròis).
This is a song written by: Alasdair MacFhionghain, Mòrar and sung by: Aonghas Greumach (Aonghas Mòr, Diùc Mhontròis).
Latha dhomh 's mi an cois na tràghad
Chuala mi caismeachd nan Gàidheal.
Dh'aithnich mi meòir grinn a Bhràthaich
Air sionnsair ùr bu lùthmhor gàirich,
'S thuig mi gun do ghluais an t-àrmann,
Fear thogail nan tùr uasal, stàtail.
Sèist / Chorus
'S i 'n Dubh Ghleannach a bh' ann
Hò-ro gheallaibh, no cò chuireadh i;
Trom orra seinn.
Bu mhiann leam sunnd nam port ealanta
Bu chunabhalach ùrlar is gearraidhean:
Dìonach, lùthmhor, dlùth, neo-mhearachdach
Tionndadh na siùbhlaichean caithreamach,
Dhùisgeadh lùth an smùis 's na caraidean:
Dùthchas nan lann dùbh-ghorm tana dhuibh.
Dhìrich mi 'm bruthach le aoibhneas
Dh'èisteachd ri fàilte Rìgh Seumas,
Chunna mi 'n Druimneach dhubh, ghleusta,
Cuir fo sgaoil a h-aodaich bhrèid-ghil
Air machair mhìn, sgiamhaich, rèidhlich,
Mar steud cruitheach 's i cur rèise.
Chunna mi 'n Druimneach dhubh, dhealbhach,
Long Alasdair ghlinnich nan garbh-chrioch,
Mar steud rìoghail air bhàrr fairge,
Togail bho thìr le sìoda balla-bhreac,
Suaicheantas rìoghail na h-Alba,
Ghluaiseadh na mìltean gu fearra-ghleus.
Nuair ghabhadh i 'm fuaradh na sliasaid,
'S guala 'n fhasgaidh chasadh dian ris,
Ghearradh i 'n linn' air a fiaradh,
'N aghaidh gaoithe, sìd' is lìonaidh -
Dh'èignich i corran an diarrais,
'S leum i air iteig mar ian as.
Nuair gheibheadh i cliathaich fo fhars'neachd,
Soirbheas na sliasaid ga brosnadh,
Mar shiùbhladh mialchù bras-astrach,
Na ruith air sliabh is fiadh air thoiseach,
I dìreadh nan tonn liath 's gan sgoltadh,
Shnaidheadh i iad mar iarann locrach.
Mhionnaich Neptin agus Aeòlus,
Bhon chaidh gaoth is cuan fon òrdagh,
Nach do mhaslaicheadh cho mòr iad,
Bho linn na h-Àirc a bha aig Nòah,
'S gun robh 'n rìgh as àirde còmhnadh,
Dìon 's a' sàbhaladh Chloinn Dòmhnaill.
Bha Neptin agus Aeòlus eudmhor
Dh'iarr iad builg nan stoirm a shèideadh
Dh'òrdaich iad gach bòrd dhith reubadh
'S na siùil a stracadh nam brèidean
Le borb-sgread is fead na reub-ghaoith
Cur siaban thonn na steòil sna speuran.
Thòisich ùr-spàirn chruaidh mar dh'iarr iad,
Chruinnich neòil dhubha na h-iarmailt,
Nan trom lùirichean dlùth, iargalt',
'S iad a' trusadh sùird 's a' lìonadh
Mar dhorch smùid à fùirneis iaruinn.
Gu bruchdadh stoirm bha garbh is fiadhaich.
'N earalas fo làimh bhur gàbhaidh
Chuir sibh an ceann i gu dàna;
Gach cupall is stagh 's an robh fàilinn,
Sparradh buill thaghta nan àite;
Slabhraidhean canaich bhur fàraidh.
Theannaich sibh gu daingeann, làidir.
Bheartaich iad gach ball neo-chearbach,
Ullamh, deas, gu gleachd ri fairge;
Tharraing i le gaoith an earra-dheas
Ghlac i 'n caol fo' taobh, 's bu doirbh e;
'S ged bha Neptin saoithreach, stoirmeil,
Mhaslaich an saobh-shruth 's an dorch e.
Nochd an dubhair gnùis gun chaoimhneas,
Sgaoileadh cùirtearan na h-oidhche;
Sgioba na h-iubhraich an gainntir
On chiad dùil gu cur Dùn-aoibhneis;
Phaisg iad trian gach siùil gu teann-chruaidh,
'S las iad ri cairt-iùil na coinnlean.
Iomradh slàn do Chaiptein Alasdair,
Le sgioba tàbhachdach, bearraideach,
Bu mhiann leam fàilt' ur càirdean dealaidh dhuibh,
Cala sèimh bho ghàbhadh mharannan,
Coinneamh bhàigheil bhlàth gach caraid duibh,
Pòg bhur màthar, mnà is leannan duibh.
Chaidh rìgh nan soirbheas gu dhùbhlan,
Aig miad na strannaraich 's na h-ùpraid;
Dh'fhosgail na builg air an cùlaibh
'S mun gann a fhuair iad an dùnadh.
Bha Maighdeann nam Mòr-bheann cùirteil,
An acarsaid fo shròin na dùthcha.
Tuilleadh Fiosrachaidh: An Dubh Ghleannach
B' i An Dubh Ghleannach am bàta a bha aig Alasdair an Òir, mac le Alasdair Dòmhnallach Bhorghadail, air Loch Seile. Chaidh e gu ruige Jamaica na dhuine òg agus rinn e beag fhortan ann. Sin mar a fhuair e am far-ainm Alasdair an Òir.
Thill e a dh'Alba mun bhliadhna 1771 agus cheannaich e dà oighreachd, Gleann Alladail agus Gleann Fhionghain. Bha dithis mhac aige, Alasdair agus Aonghas, agus b' e Alasdair Òg a thog an càrn-cuimhne, ann an Gleann Fhionghain, a tha a' comharrachadh far an do thog am Prionnsa Teàrlach bratach nan Seumasach ann an 1745.
B' e Aonghas Mòr a chanadh na Gaidheil ri Seumas Aonghas Greumach, an seachdamh Diùc Mhontròis, a rugadh air 2 An Cèitean 1907. Chaidh fhoghlam ...
Fiosrachadh air Aonghas Greumach (Aonghas Mòr, Diùc Mhontròis) / Learn more about Aonghas Greumach (Aonghas Mòr, Diùc Mhontròis)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.