An Dòmhnallach Urramach

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna Mhoireach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna Mhoireach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

An Dòmhnallach urramach
A dhìreadh na mullaichean
Tha d' fhoghlam cho àrd
'S ged a dh'àraicht an Lunnainn thu.
Mo Dhòmhnallach urramach.

'S e mo ghaol an t-uasal
A dhìreas moch na cruachan
A ghunna air a ghualainn
'S gur luath a chuid chuileanan.
An Dòmhnallach urramach.

'S e mo ghaol an t-òigear
As deise thèid na bhòtainn
Gur iomadh caileag bhòidheach
Bhiodh deònach gu fuireach leis.
An Dòmhnallach urramach.

Sealgair damh na cròice
'S an lag am bi an ceòthan
'S a' choilich-bhuidhe chrònain
'S an ròin an cois tuinne thu.
Mo Dhòmhnallach urramach.

Seinneadairean / Performers

Anna Mhoireach

Anna Mhoireach

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pàrantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...

Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna Mhoireach

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.