Òran air a sgrìobhadh le: Beathag Mhòr agus air a sheinn le: Cairistìona Cheanadach, Catrìona NicDhòmhnaill, Criosaidh M. NicDhòmhnaill, Flòraidh NicNèill, Kathleen NicDhòmhnaill agus rena nicIllEathain.
This is a song written by: Beathag Mhòr and sung by: Cairistìona Cheanadach, Catrìona NicDhòmhnaill, Criosaidh M. NicDhòmhnaill, Flòraidh NicNèill, Kathleen NicDhòmhnaill and rena nicIllEathain.
Sèist / Chorus
B' e siud an cùl,
Seo an cùl bachallach,
B' e siud an cùl.
Nuair a bha mi òg 's mi ri uaill
'S e dhol a luadh a b' ait leam.
Siud an cùl bha bachlach, dualach,
Dh'fhàs gu cuachach, cas-bhuidhe.
Siud an cùl bha bòidheach, dualach,
Òr-bhuidh', cuachach, caiseanach.
Is a Mhàrtainn dhuinn an Dùine
'S tu mo rùn, nam faicinn thu.
B'fheàrr leam gun tigeadh tu dhan tìr
Ma tha thu sgìth den mhachaire.
Ma bhios tu a' siubhal frìth'
'S cinnteach mi gun tachair sinn.
Ma bhios tu siubhal nam fuar-bheann
Thoir sùil bhuat 's gu faic thu mi.
Blas na meala air do phògan
Cainnt do bheòil bu docha leam.
Ma thèid thu dh'iarraidh mnà uasail
Na toir tuasaid dhachaigh leat.
Ma bheir thu bean à Sìol Leòid
Gun iarr i mòran fhasanan.
Ma bheir thu bean à Sìol Thormoid
Marbhaidh i le macnas thu.
'S ma thèid thu dh'Uibhist an eòrna
Thoir tè bhòidheach dhachaigh leat.
Thoir dhachaigh i, tè shocair, chiallach,
A riaraicheas na Caipteanan.
Thoir dhachaigh i, tè shocair, chiùin,
A dh'ionnsaicheas mo mhac-sa dhut.
Ach ma sheallas i le feirg air
Gu ma meirg thug dhachaigh i.
Is ma bhuaileas i le fuath e
Guma luath sa chlachan i.
Ach ma bhuaileas i le gràdh e
Guma blàth fo d' achlais i.
Ach a Mhàrtainn Dhuinn 'ic Dhòmhnaill
Nì do phòsadh aiceid dhomh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha òraid mu Bheathag a thug an t-Urr. Dòmhnall Budge do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis, ann an 1973, ri leughadh anns na Transactions of The Gaelic Society of Inverness, Leabhar 48.

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaillRugadh Catrìona NicDhòmhnaill, Catrìona Aonghais a' Ghobha ann an Ùige an Eilean Sgitheanaich anns an Dàmhair, 1927, nighean le tè a mhuinntir a' bhaile, Anna ...
Fiosrachadh air Catrìona NicDhòmhnaill / Learn more about Catrìona NicDhòmhnaillRugadh Criosaidh "Denny" NicDhòmhnaill ann an Eòlaigearraidh ann am Barraigh, air 9 Ògmhios, 1939. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhàin, ...
Fiosrachadh air Criosaidh M. NicDhòmhnaill / Learn more about Criosaidh M. NicDhòmhnaill
'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gàidhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh ...
Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèill
Thogadh Cairistìona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. ...
Fiosrachadh air Cairistìona Cheanadach / Learn more about Cairistìona CheanadachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.