Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catrìona NicCharmaig.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catrìona NicCharmaig.
Chunnaic Rìgh Alba na shuain
An aona bhean bu ghile snuadh fon ghrèin:
'S gum b' fheàrr leis tuiteam dha cion
Na còmhrag fir mar bha e fhèin.
'S gum b' fheàrr leis tuiteam dha cion
Na còmhrag fir mar bha e fhèin.
Labhair Fionn Falaich ri fian
Thèid mise ga h-iarraidh dhut.
Labhair Fionn Falaich ri fian
Thèid mise dha h-iarraidh dhut
Mi fhìn, 's mo ghille, 's mo chù,
Nar triùir a dh'iarraidh na mnà.
Mi fhìn, 's mo ghille, 's mo chù,
Nar triùir a dh'iarraidh na mnà.
Seachd seachdainean is trì mìos
A thug sinn ri siubhal cuain.
Seachd seachdainean is trì mìos
A thug sinn ri siubhal cuain.
Ma facas fearann no fonn
Aig an dèanadh a' long tàmh.
Ma facas fearann no fonn
Aig an dèanadh a' long tàmh
Steach gu iomall a' chuain ghairbh
Chunnacas caisteal mìn-gheal gorm.
Steach gu iomall a' chuain ghairbh
Chunnacas caisteal mìn-gheal gorm
Bu lìonmhor uinneag is stuagh
Bu lìonmhor air cuach is còrn.
Bu lìonmhor uinneag is stuagh
Bu lìonmhor air cuach is còrn.
'N àm dhomh bhith teannadh ri bhun
Thàinig slabhraidh dhubh a-nuas.
An àm dhomh bhith teannadh ri bhun
Thàinig slabhraidh dhubh a-nuas
Cha d' ghabh mi eagal no fiamh
Ghabh mi oirre nam ruith suas.
Cha d' ghabh mi eagal no fiamh,
Ghabh mi oirre nam ruith suas
Chunnacas a' bhean bhrèid-gheal òg
Ann an cathair òir a-staigh.
Chunnacas a' bhean bhrèid-gheal òg
Ann an cathair òir a-staigh,
Sròl dhan t-sìoda fo dà bhonn
Bheannaich mise dha gnùis ghil.
Sròl dhan t-sìoda fo dà bhonn
Bheannaich mise dha gnùis ghil.
A fhleasgaich a thàinig on chuan
'S fuar do bheannachadh oirnn.
A fhleasgaich a thàinig on chuan,
'S fuar do bheannachadh oirnn
Teann nall do cheann air mo ghlùin
Seinnidh mi dhut cruit is ceòl.
Teann nall do cheann air mo ghlùin
Seinnidh mi dhut cruit is ceòl.
Cruit air uchdanan a ghill' ùir
As guirme sùil 's as gile deud.
Cruit air uchdanan a ghill' ùir
As guirme sùil 's as gile deud
Thuit esan na iorram suaint
An deis bhith cuairteachadh cuain ghairbh.
Thuit esan na iorram suaint
An deis bhith cuairteachadh cuain ghairbh.
Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios
Thilg i dheth gun fhiosd an ceann.
Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios
Thilg i dheth gun fhiosd an ceann
Siud agaibh deireadh gach sgeòil
'S mar a sheinneadh am bròn binn.
Tha an laoidh seo ag innse mar a chunnaic Rìgh Alba boireannach eireachdail ann an aisling agus mar a dh'fhalbh Fionn Falaich air a tòir dha. An dèidh a bhith aig muir airson "seachd seachdainean is trì mìos", thàinig e gu caisteal, 's an dèidh slabhraidh dhubh a dhìreadh, chunnaic e am boireannaich na suidhe air cathair òr. Dh'iarr i air a cheann a chuir na h-uchd agus chuir i fo gheasaibh e le ceòl na clàrsaich. Aon uair 's gu robh e na shuain, thug i mach claidheamh agus mharbh i e.
Tha mòran thionndaidhean den fhìor sheann òran seo ann, agus chaidh a chruinneachadh bho sheinneadairean ann an Ìle agus Tiriodh, as na h-Eileanan an Iar, san Eilean Sgitheanach agus air tìr-mòr na Gàidhealtachd. Chuir Marsaili Cheanadach Fhriseal a dreach fhèin air, fon ainm Sea Quest.
Tha sgoilearan den bheachd gur e an laoidh seo an earrainn as cudthromaiche sa Ghàidhlig de dhualchas Artaireach. Mar a tha Wilson MacLeòid agus Meg Bateman a' mìneachadh san leabhar Duanaire na Sracaire (Birlinn, 2007):
"Ged a bha sgeulachdan na Fèinne fada na bu chudthromaiche, sgaoil stuthan co-cheangailte ri Artair agus Am Bòrd Cruinn air feadh Gàidhealtachdan Alba agus Èirinn. Tha cuid a' cumail a mach gun b' e Am Bòrd Cruinn seach Am Bròn Binn a bha mar thiotal air an laoidh seo an toiseach"
Tha tionndaidhean ann a tha tòiseachadh:
Là chaidh Artair nan sluagh
Gu tulach nam buadh a shealg
Chunnacas a' tighinn on mhaigh
Gruagach b' àillidh cruth fon ghrèin.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Gheibhte an tuilleadh fiosrachaidh anns an leabhar Am Bròn Binn: An Arthurian Ballad in Scottish Gaelic le Linda Gowans air fhoillseachadh an Eastbourne, 1992.
Anns an leabhar-latha aige dh'innis Calum MacIlleathain mar a chlàr e Am Bròn Binn an toiseach bho Chatrìona NicCharmaig air 20 Faoilleach, ...
Fiosrachadh air Catrìona NicCharmaig / Learn more about Catrìona NicCharmaigCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.