Am Bàta Rannach

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh MacIain agus air a sheinn le: Alison Rapson, Art MacCarmaig, còisir òg ghàidhlig an eaglais bhreac agus còisir òg ghàidhlig an eaglais bhreac.

This is a song written by: Donnchadh MacIain and sung by: Alison Rapson, Art MacCarmaig, còisir òg ghàidhlig an eaglais bhreac and còisir òg ghàidhlig an eaglais bhreac.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ochòin a rì ri ò rò,
Ochòin a rì ri ò rò,
Ochòin a rì ri ò rò,
O rò 's cian on dh'fhalbh sinn.

Tacan mun do ghluais sinn
Dh'èirich gealach ghruamach,
Baidealach, trom, uaine,
'S i buairte gu soirbheas.

Nuair a rinn sinn seòladh
Dhùin gu dlùth na neòil oirnn,
Chan fhaiceamaid ach ceòban
Le còbhragach na fairge.

A' dol tro Chuan na h-Èireann,
Sruth is muir a' streap rinn;
'S truagh nach robh mi 's m' eudail
Le chèil' am Port na h-Abhainne.

Seinneadairean / Performers

Alison Rapson

Alison Rapson

Rugadh agus thogadh Alison Rapson (NicMhathain) ann am Bun Ilidh. Air an dà thaobh, bhuineadh an teaghlach aice don sgìre seo agus bha ceòl daonnan ...

Fiosrachadh air Alison Rapson / Learn more about Alison Rapson
Art MacCarmaig

Art MacCarmaig

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...

Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.