Òran air a sgrìobhadh le: feargastan à lacasaigh agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Hoddan).
This is a song written by: feargastan à lacasaigh and sung by: Iain Dòmhnallach (Hoddan).
Na dh'fhidir no an cuala sibh 'n deach Seòras bochd na b'fheàrr,
Chaidh innse dhomh gum facas e ri ruith air feadh an àit'
Gun leum e às an iolainn is tha sin a-mach an t-sràid,
'S bha còmhradh measg nam banntraichean gu robh a cheann dol ceàrr.
Bha mòran dhe na chunnaic e ri mionnachadh leotha fhèin
Gur ann a bha e mire ris a' ghealaich 's ris a' ghrèin,
Bha fear eil' ag amhairc air tro ghlainne bha ri shùil
'S e 'g ràdh mur h-e trom-laighe th' ann, 's e th' air a' bhalach smùid.
Ach 's ann a bha e èibhinn nuair a leum e chun na sràid,
Tha sin air feadh nan òtraichean cuir òpar air gu mhàs,
Aig bàthach Aonghais Mhòr gun deach e spògail air a' làr,
'S gun canadh tu nuair thòisich e gun d'fhuair e òir san àit'.
Cha b' fhada gus na dh'èirich e is leum e 'n-àird' le sunnd,
A' coimhead dha na speuran mar gu feumadh e dhol ann,
Nuair chunnaic bràthair a mhàthar e le làmhan os a chionn,
'S ann dh'fhalbh iad dh'iarraidh ròpa airson Seòras chur an cùim.
Dol sìos an talamh àitich tha mo nàbaidh-s' mar fhear-caoich,
Bha bodach bochd na shuidh an glais le picture-post is cù,
Nuair thuit a shùil air Seòras thug e èigh is leum e 'n-àird'
Gheàrr e null na feannagan 's bha ghalaisean na làmh.
Na seasamh air na gàrraidhean bha mòran a luchd-dàimh,
Cò dheigheadh dha inns do Mhàiri bhochd, bha còmhstri cha robh gann
Fhreagair tè cho duineil riutha, tha mi ri dol a-nall,
'S gun can mi rithe gun ràinig e taigh Hàna shìos an gleann.
Nuair ràinig ise Màiri, i ri cànran is a' caoidh,
I cantainn tha mi 'n-dòchas nach deach Seòras far a chinn
Le gàire fhreagair Màiri, bho nach deach nach tèid a chaoidh
'S ann a tha e ruith an-dràst' às dèidh plàigh de bhàla-gaoith'.

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...
Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.