Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mairead NicIllFhialain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mairead NicIllFhialain.
Alasdair Òig Mhic 'ic Neacail
Sèist / Chorus
Hìllin ò hi ho ro ho
Hìllin ò hi ho ro
Na hullairin o ho
Hi o ro ho.
B'fheàrr leam fhìn gum beirinn mac dhut
Còignear no sianar no seachdnar
'S thogainn suas air bharra bas iad
Air mo ghualainn far am faict' iad
Bheirinn glùin is cioch an asgaidh
Bheirinn ceàird an làimh gach fear dhiubh
Fear na Dhiuc 's fear na Chaiptean
Fear air long mhòir à Sasainn
Fear na dhròbhair mòr nam mairtibh
Fear na sgrìobhadair am Peairt dhiubh.

Rugadh Mairead NicIllFhialain anns a' Ghearasdan air 3 Màirt 1970 agus thogadh i air Eilean Seòna dom buineadh a h-athair, Iain. 'S e eilean beag, ...
Fiosrachadh air Mairead NicIllFhialain / Learn more about Mairead NicIllFhialainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.