Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir a' Loch a Tuath.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir a' Loch a Tuath.
Sèist / Chorus
Air faill ò, air fàill èile ò,
Air faill ò 's na hò i,
Fàill èile, hogaidh ò
'S mi fo leòn ga do chaoidh.
Nuair a chrom mi sìos an gleann
Dh'fhuasgail snaim air mo chridh',
'S nuair a shìn mi dhut mo làmh,
'N dùil nach fhàgadh tu mi.
Dhèanainn cur dhut agus buain
Obair chruaidh muir is tìr,
'S bheirinn às a' ghreibheil chruaidh
Dha mo luaidh, teachd-an-tìr.
Ged nach robh thu buidhe bàn
Bha thu àlainn cùl-cinn
'S ged a cheilinn e air càch
'S e do ghràdh rinn mo chlaoidh.
Chaidh Còisir Loch a Tuath a stèidheachadh ann an 1984. Bha còisir òigridh, Còisir Òg a' Bhac, a chaidh a' stèidheachadh ann an 1978 airson clann nas ...
Fiosrachadh air Còisir a' Loch a Tuath / Learn more about Còisir a' Loch a TuathCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.