Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Coinneach MacThòmais agus còisir ghàidhlig sgìre nan loch.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Coinneach MacThòmais and còisir ghàidhlig sgìre nan loch.
Thug Bànrigh Lochlainn nan sgiath donn,
Trom ghaol trom, an gaol nach lasaich,
Do Aillte greadhnach nan arm geur,
Gun d' fhalbh i ann an ceilg leis.
Chruinnich Rìgh Lochlainn gu grad a shluagh,
Cabhlach cruaidh gun tug e leis;
'S e sin a bha aige anns an uair,
Naoi rìghrean 's an sluagh leotha.
Mur robh fear a chaidh bho fheum,
No chaidh don Ghrèig a-null,
Cha deachaidh fear da thìr fèin,
De na thug Rìgh Lochlainn nall.

Rugadh Coinneach MacThòmais ann an Ceann Loch Chille Chiarain air 20 Lùnastal 1949. B' ann à Cinn Tìre a bha cuideachd athar agus bha ...
Fiosrachadh air Coinneach MacThòmais / Learn more about Coinneach MacThòmaisCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.