Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.
O Rìgh nan Dùl cùm rium mo chiall
Cha robh mi riamh sa chunnart seo
Mi 'n-diugh 's an-dè air cnoc leam fhìn
A' sileadh dheur 's mi turraman.
'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn
Cha tèid e òirleach tuilleadh leam
'S an tè rinn dhomhs' an lèine chaol
Cha dèan thu ghaoil gin tuilleadh dhomh.
'S i mo mhàthair rinn an call
Nuair chuir i shealg na tunnaig mi
'S nuair ràinig mi an linne chaol
'S ann bha mo ghaol a' sruladh innt'.
Ged thèid mi suas don bhail' ud shuas
Cha bhi mo chuairt ach diomhain ann
Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh
'S air leabaidh àrd cha chuir iad mi.
O Mhairead òg 's tu rinn mo leòn
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi
'S tu 's guirme sùil sa mhadainn chiùin
Nan dearc air chùl nan duilleagan.

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...
Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghaisCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.