Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: ailig iain macDhòmhnaill, Art MacCarmaig agus Dòmhnall MacRath.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: ailig iain macDhòmhnaill, Art MacCarmaig and Dòmhnall MacRath.
A rìbhinn òig bheil cuimhn' agad
'S a ghruagach dhonn an cluinn thu mi?
A rìbhinn òig bheil cuimhn' agad
An oidhche mun do sheòl mi?
O 's e blàths na h-oidhche sin,
Cha tèid gu brath à cuimhne dhomh;
'S ann ort a bhios mi cuimhneachadh
Gach oidhche fhliuch is reòite.
Gur fada, fada thall tha mi
'S chan fhaigh mi null a shealltainn ort
'S ged dhìrinn bhàrr nan crann aice
Chan fhaic mi beanntan Leòdhais.
A ghruagach na biodh àmhghar ort
Oir 's cinnteach tha mo làmh-sa dhut;
'S tu, a ghràidh, as fheàrr leam
Na mo mhàthair dh' àraich òg mi.
Tha mi falbh Diciadain uat
'S chan fhaic thu airson bliadhna mi,
'S feuch nach dèan an cianalas
Do liathadh ged is òg thu.
Nuair bhios mi gun chompanach
'S a bhios an oidhche trom orm
Bidh gealach toir nam chuimhne
Liuthad oidhche bha sinn còmhla.

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig
Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tàbost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRathCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.