A' Ialliùgo is Bàta Tòthan

Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) agus air a sheinn le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).

This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) and sung by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).

Facail an Òrain / Song Lyrics

S.Y. dà fhichead 's a dhà
siud bàta Ialliùgo,
B' e iùbhrach i ga cur gu sàl
fo làmhan sgioba dhiùlnaich;
Tarmod Dubh is Ailean Geàrr
a' càradh rithe siùil-bheart,
Coinneach Nèill fear combaist,
's am Blousa ga stiùireadh.

Tighinn tarsainn uair air a' Chuan Sgìth
's i strì gu fearann Leòdhais,
I sgoltadh geal nan cìreanaich
bha dìreadh ris an t-sròin aic',
'S ann chual iad èigh bho Ailean Geàrr,
"air fàire tighinn nar còmhdhail,
Mar eil mo shùil air fàiligeadh,
a chàirdean bàta Tòthan."

Thuirt Ailean Geàrr "Na lasaich i,
thoir srannadh aist' is dìosgail,
'S le cruas nam bonn an taca,
bidh dha cumail às na sìneadh,
Ma bhuannaicheas iad acarsaid
air t' amhaich cha bhith 'n t-sìth ann,
'S bidh sgeula mhòr na tàmailt
aig a' ghràisg air feadh na sgìre."

Thuirt Coinneach Nèill, "a sheòid
cha robh mo sheòldaireachd sa ghrìosaich,
Thug Cèasar Tsàr 's Bhictòria
air bhòidse mhair a' bhliadhna,
Air long na mìle seòl a bha
cho mòr nuair thug Cuan Siar oirr'
Bha toiseach muigh aig Rònaigh
's Rubha Robhanais air a slìasad."

Fhreagair am Blous' 's e sìamachadh,
"Gu sìorraidheachd an aimlisg,
Chan eil na bòrd 's na h-iallan
ged a stialladh iad an càinb aist',
Na sheòladh ri mo mhearsaich-sa
ga sgoladh sìos mu manachan
Nuair gheibh mi Rubha Eòropaidh
ri sròin 's i tighinn bhon earra-dheas."

Bha 'n fhiachainn air a' bhonn,
chaidh siùil is buill a chur gu dearbhadh,
Gach brèid a ghleidheadh crann orra
chur teann ri bil na garbhsaich,
A chliathadh sgapadh gamhlasach
troimh chollaid 's greann na fairge,
'S aig dalladh dearg an dùbhlain
bha ga rùsgadh chun an dara-dhruim.

Bha sian an sud is astar
's cha b' e 'n acfhainn ud nach fhaodadh,
Ri tiodhlacadh nan cnagan
cleit a' hailaird 's am bior-snaois ann;
Toirt dìosgail air an aisnichean
's muir geal aca ga shraonadh
'Na chabhadh caoir mun gualainn
is ga shuabadh gach a taobh dhuibh.

Thuirt Tòthan 's e toirt suagan às,
"Bidh buadh aig gillean làmhach,
'A'n Guinne Dhail-o-Thuath agam
bha iomadh uair an gabhadh,
'A 'n MacCumhail Shuaineaboist,
is gille chruadail Pàdraig,
'S tha 'n cruaidh-fhortan an tòir orra
's cha dean iad bòsd am màireach."

Leig Tòthan taobh a' Bhàghoinn,
's Ceann-an àigh gu taobh a' Chairbh i,
Nuair thug a' ghaoth car ceàrr aist'
ann an fàbhair na meas-toirmeasg;
Am Blous', a ghaoil do mhàthar ort,
air bharraibh bàn an t-soirbheis
Ga ruith gu cala sàbhailte
ri tràigh is creagan Bheiridhe.

Bha reachd a' tachdadh Tòthan,
bha na deòir a' ruith bho shùilean,
'S e maoidheadh teann le dhòrn
air na cinn-chlòth a rinn a' chùis air,
'S e falbh an ìongnan Sheòrais,
's e gun bhrògan, ghuidh an trùileach,
Do Thormod Dubh 's na chòmhlaich leis,
air bòrd a' Ialliùgo.

"A mhic nan creach" thubhairt Pàdraig ris,
"na sàraicheadh do dhiomb thu,
Chan eil a shìol na dh'àraich iad,
na gàrlaich, na ni chùis ort;
'S le eòlas fear-taigh àirigh
bheir mi mòinteach àrd air chùrs i
Biodh d' fhalamadair ga fhàsgadh
is thoir stràilich oirr' gu Mùirneag."

Cha bheò na bh' air an àirigh
nuair a shnàmh i steach an t-aonach,
'S e thuirt a chuid bha cràbhach dhiubh
gun tàinig deireadh shaoghail;
Cuid eile 'Samhladh bàthaidh'
agus 'Tàbhannadh an Aonaidh,'
'Noah leis an Airce' 'Yacht an t-Sàtain,'
's 'Sgàil an Aog-ghlais'.

Tha daoine an-diugh 's cha chreid iad mi,
nan deisciobuil aig Tòmas,
Na fèidh mar chuir i teich orra,
gu ceann-a-deas a Leòdhas,
'S an t-suilich bha Loch Olaighol
tre eagal thug cuan mòr oirr',
'S gun thog i ceann a rithist
san Loch Niseach air a' Mhòr-thìr.

Bu dian a chuir i mhòintich dhith,
'n Gleann Mòr le sgal on iar-eas,
Gu Tom-na-Croise-Nòdh,
o Bhata-lòis 's Tom Mairi Ìomhair;
Gu Botann-dubh a' Gheòidh,
's a-steach a' mhòine troimh na rìasgan,
'S ri gàrradh Doisean ròpaich i
's an Lòn aig 'A'n MacÌomhair.

Bha sgioba Bhlous nam bòtannan,
sgùil mhòr aca fon gàirdein,
A' cromadh leathad Ròigean
's iad a' bòilich leis an làsdachd,
Nuair chual iad gu robh Tòthan
mullach pòl aig taigh 'A'n Bhàrda,
Cuir bratach buaidh an t-seòlaidh,
de chlò-mhòr a dh'fhigh a Chràg ris.

B' e Coinneach Nèill, nuair dhìteadh iad,
chuir fìrinn air a' chùis dhaibh,
"Clann-nighean shìos an sgìre
thug gu tì sinn 's fealla-shùgraidh;
Bha òrain 's ceòl a pìob againn,
is ruidhl' air feadh an ùrlair,
'S mi fhìn thug greis a' tàisnich
le tè bhàn dhuibh anns a' chùlaist."

Nan tigeadh peann fear geur-chuiseach,
's an sgeul a chur an sgrìobhadh,
Cuir feartan sàir nan treubhantais
ri euchdan eil ar rìoghachd,
Bhiodh marachd Choinnich Nèill aca
ga leughadh tre na linntinn,
'S Nelson, Raleigh, Blake,
is Fransaidh Drake air dhol a' chuimhne.

'S cho fad as clann na dùbhlachd sinn,
cur smùid a teine mònach,
Cho fad 's as Nisich bhrùideil sinn
a shiùbhlas muir is mòinteach;
Cho fad 's thig guga à Sùla-sgeir
's a shùgh am fuil ar n-òigridh,
Cho fada bidh ar spliùch
mu Ialliùgo 's bàta Tòthan.

Seinneadairean / Performers

Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

'S ann à sgìre Nis, Leòdhas, a bha Aonghas Caimbeul, no Am Puilean mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Mar a sgrìobh e fhèin ...

Fiosrachadh air Aonghas Caimbeul (Am Puilean) / Learn more about Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.