Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig ghrianaig, còisir ghàidhlig lacasdail agus marion rankin.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir ghàidhlig ghrianaig, còisir ghàidhlig lacasdail and marion rankin.
Sèist / Chorus
A fhleasgaich ùir, leanainn thu
Fhìr a' chùil bhòidhich,
A fhleasgaich ùir, leanainn thu.
'S mi gun rachadh ad choinneamh
Air mo bhonnaibh gun bhrògan.
Air bonnaibh mo chasan
Ged bhiodh clachan gan stròiceadh.
Ged bhiodh reothadh glè chruaidh ann,
Sneachda fuar air a' mhòintich.
Fhir nan camagan donna
Rinn mi coinneamh glè òg riut.
Dh'fhalbhainn air muir no tìr leat
Gu ruig crìoch na Roinn Eòrpa.
Ach guidheam gu slàn thu,
Gach latha fhad 's is beò mi.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.