Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: ann carmidy, mòrag m. mhoireach agus rhona nicLeòid.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: ann carmidy, mòrag m. mhoireach and rhona nicLeòid.
A fhleasgaich an fhuilt chraobhaich chais,
Òigear a' chùil dualaich,
A fhleasgaich òig an òr-fhuilt chais,
Gur i do mhais' a bhuair mi.
Mheall thu, mheall thu, mheall thu mi,
Do bhòidhchead a bhuair mi,
Is gheall thu dhòmhs' air iomadh dòigh
Gum biodh do stòras buan dhomh.
O gur mise tha gu tinn
Is falt mo chinn air fuasgladh,
'S gun fhios 'am fhèin ciod e 'n cion-fàth
Thug dhuts', a ghràidh, bhith 'n gruaim rium.
B' òg a thug mi dhut mo ghaol
Ged nach d' rinn mi bhuannachd,
'S an t-snaim a cheangail sinn gu teann,
I air gach ceann air fuasgladh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.