Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacDhòmhnaill agus air a sheinn le: iain a. mac ille mhìcheil.
This is a song written by: Iain MacDhòmhnaill and sung by: iain a. mac ille mhìcheil.
Sèist / Chorus
A chailin donn a' chuailein rèidh,
Hà ho rò mar tha mi 'd dhèidh;
A ghruagach dhonn tha ris an sprèidh
Bhon thrèig thu mi tha mulad orm.
A chailin donn a' chuailein rèidh,
'S e rud an gaol nach faodar àicheadh,
Tha e ceangailte ri nàdar.
Faodaidh mise sin a ràidhtinn,
Bhon shàraich e gu buileach mi!
A chailin donn, nam biodh tu deònach
Is gun dèanadh tu mo phòsadh,
B' fheàrr leam thu air bheagan stòrais
Na mòran òr le iomadh tè.
Gur e mise tha gu brònach,
Ann an seo a' dèanamh òrain
'S eagal orm nach cuir mi 'n dòigh
Do bhòidhchead is do luraichead.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.