Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig) agus Norma NicLeòid.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig) and Norma NicLeòid.
O 's e an t-àilgheas, hùg ò, chuir dhan tràigh mi, hùg ò,
A bhuain duileasg, hù ri a bhò, no bhuain bhàirneach, hùg ò.
A bhean ud thall, hùg ò, an cois na tràghad, hùg ò
Nach truagh leat fhèin, hù ri a bhò, bean ga bàthadh, hùg ò.
Dùil agad fhèin, hùg ò, bhith nam àite, hùg ò,
Mo thruaighe nochd, hù ri a bhò, aois mo phàistean, hùg ò.
Fear dhiubh bliadhna, hùg ò, fear a dhà dhiubh, hùg ò,
'S an t-ìmpire beag, hù ri a bhò, an ceann na càraid, hùg ò.
Nach buidhe bhean òg, hùg ò, thig nam àite, hùg ò,
O gheibh i ciall is, hù ri a bhò, gheibh i nàire, hùg ò.
Gheibh i caoraich, hùg ò, mhaola bhàna, hùg ò,
O gheibh i sin is hù ri a bhò, aighean dàire, hùg ò.
Thig an coite, hùg ò, seo a-màireach, hùg ò,
Bith m' athair ann, hù ri a bhò,is mo thriùir bhràithrean, hùg ò.
Gheibh iad mise, hùg ò, an dèidh mo bhàthadh, hùg ò,
'S mo chòta gorm, hù ri a bhò, air uachdar sàile, hùg ò.
Mo bhroids airgid, hùg ò, lag mo bhràghad, hùg ò,
'S mo phaidirean, hù ri a bhò, air cloich làimh rium, hùg ò.
Ceil e, ceil e, hùg ò, air mo mhàthair, hùg ò,
Gus an èirich, hù ri a bhò, grian a-màireach, hùg ò.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Bha an t-òran seo ri lorg ann an iomadh cruth agus ann an iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus tha òran coltach ris ri fhaighinn an Èirinn cuideachd.
A rèir beul-aithris tha an t-òran air a sheinn le boireannach a tha an impis bàthadh. Tha i pòsta agus tha clann òg aice. Chanadh cuid gur e searbhant no nàbaidh a bha anns a' Bhean Eudach; chanadh feadhainn gur e a piuthar a bh' innte.
Bha an dithis bhoireannach as an tràigh aon latha, a' buain feamainn agus maorach. Nuair a shuidh iad airson anail a ghabhail, nach ann a thuit an tè phòsta na cadal fhad 's a bha an tè eile a' cìreadh a gruaig.
Ghabh a' Bhean Eudach an cothrom falt na tèile a shuaineadh agus a cheangal am measg stamhan is feamainn air dhòigh 's nach fhaigheadh i saor nuair a thigeadh an làn. As an dòigh seo chaidh a bàthadh.
Bha e cuideachd air a ràdh nach robh athair na cloinne droch amharasach idir. Ghabh e ris a' Bhean Eudach an àite na tè a chaill e, gus aon latha chuala e i a' tàladh a' leanabh leis an òran a ghabh an tè a bha a' bàthadh agus thuig e dè bha air tachairt.
Anns an riochd a leanas tha an t-òran am pàirt mar gum biodh an dà bhoireannach a' còmhradh ri chèile.
O 's e an t-àilgheas chuir dhan tràigh mi
A bhuain duileasg, no bhuain bhàirneach.
Nighean ud thall an cois na tràghad
An truagh leat bean òg 's i ga bàthadh?
Cha truagh, cha truagh, 's beag mo chàs dhith!
'S ann a bhios tu staigh nam àite;
Sìn do chas dhomh, sìn do làmh dhomh,
Cirb do d' bhreacan mas e 's fheàrr leat.
Nach truagh a-nochd mo thriùir phàistean
Fear dhiubh bliadhna, fear a dhà dhiubh,
Fear beag eile 'm feum a thàladh.
Ach Iain bhig, laoigh do mhàthar
Chan fhaigh thu nochd cìoch do mhàthar;
Ged a gheibheadh 's beag as fheàirrde.
'S ann a bhios i loma làn sàile
Fuar mo leaba, fliuch le sàile
'S buidhe bhean òg thèid nam àite,
Gheibh i ciall is gheibh i nàire
Gheibh i caoraich mhaola, bhàna.
Gheibh i crodh-laoigh 's àighean dàire
Thig an coite 'n seo a-màireach,
Bidh m' athair oirre 's mo thriùir bhràithrean
'S deagh Mhac an t-Saoir air ràmh-bràghad
'S gheibh iad mise 'n dèidh mo bhàthadh.
Mo chòta gorm an uachdar sàile
'S mo bhroids airgid air cloich làimh rium
'S mo phaidirean an lag mo bhràghad.
Tha cuimhne aig gu leòr an Uibhist fhathast air Ceit NicNeacail, Ceit Phàdraig Mhòir. Bhiodh i a' seinn, gun sguir cha mhòr, aig bainnsean, a-staigh ...
Fiosrachadh air Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig) / Learn more about Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig)
Rugadh agus thogadh Norma NicLeòid ann an Loch Croistean, an sgìre Ùige Leòdhais, agus an-diugh tha i fhèin agus a cèile a' fuireach ann an ...
Fiosrachadh air Norma NicLeòid / Learn more about Norma NicLeòidCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.