Tha geamannan Soircas nan Deargannan a' toirt cothrom do chlann òga ionnsachadh mu fhòrsaichean ann an dòigh spòrsail.
Feumaidh cluicheadair obrachadh a-mach dè am fòrsa a tha a dhìth gus an tèid aig na deargannan crìoch soirbheachail a chur air cleasan soircais. Ceannsachaidh am fòrsa ceart astar no cùrsa rudan gluasadach gus an ruig iad targaid.
Faodaidh cluicheadairean na leanas a thaghadh:
- an sgioba dheargannan fhèin
- an cleas a tha iad airson fheuchainn
- ìre duilgheadais a' gheama (furasta, meadhanach no doirbh).
Mar as duilghe a dh'fhàsas an gèam, feumaidh an neach-cluiche barrachd taghaidhean a dhèanamh mu na forsaichean a tha iad a' cleachdadh, gus smachd a chumail air suas ri trì caochladairean.
Tha cuid de stuth na làraich nas freagarraiche airson clann fo aois sgoile agus tha cuid eile nas freagarraiche airson clann-sgoile. Ged a dh'fhaodadh cuid de na h-abairtean agus na facail a bhith ùr don chloinn, tha na dealbhan làidir cuideachd ag innse gach sgeòil.
Gabh pàirt
Às dèidh na geamannan a chluich dh'fhaodhadh sibh an leanabh a chuideachadh tro:
• rannsachadh a dhèanamh air ghluasadan rudan am broinn an taighe far a bheil fòrsa air a chleachdadh
• bhuaidh putaidhean nas motha is nas ìsle fheuchainn air dreallagan, sleamhnagan, làir-mhaide agus cuairtealain ann am pàirc.
Taic Fuaim is Teacsa
Faodaidh luchd-cleachdaidh cliogadh air a' phutan, Roghainnean, airson:
• teacsa an sgrion ath-mheudachadh
• atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil
• teacsa an sgrion a chluinntinn ga leughadh a-mach
• fo-thiotalan a thabhainn airson a' chuid mhòr den t-susbaint.
Fuaim
Cuir am fuaim air airson gun cluinn thu cuideachadh is fiosrachadh bho na caractaran.