18mh linn / Sìleas Na Ceapaich

Cuspairean

Tha bàrdachd Sileas na Ceapaich a' gabhail a-steach poilitigs an ama – mar eisimpleir, òrain air blàr Sliabh an t-Siorraim – laoidhean spioradail, òrain aotrom (leithid comhairle do nighnean òga mu shuirighe) agus marbhrainn.


Tha cuid de na marbhrainn do leithid a' cheann-cinnidh, Alasdair à Gleann a Garradh, agus cuid eile dha teaghlach fhèin, is gu h-àraidh dha fear-pòsta is an nighean aice a chaochail an taobh a-staigh de sheachdain dha chèile. Tha mar sin bàrdachd Sìlis a' ruith air cuspairean 'poblach' agus 'pearsanta' agus, fiù 's ann a' bhàrdachd-cinnidh aice, tha uaireannan a faireachdainnean fhèin a' tighinn troimhe.


Tha Sìleas uaireannan a' cleachdadh nan sgilean traidiseanta bàrdachd, leithid an t-seann mheadrachd syllabic, ach glè thric 's e meadrachd ùr nan òran a tha aice. Tha e fìor a ràdh mar sin gu bheil i, mar bhana-bhàrd, air an starsaich eadar seann bhàrdachd oifigeil nan cinnidhean agus a' bhàrdachd ùr a bha dol a thighinn gu ìre nas fhaide air adhart san 18mh linn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Dè na cuspairean a bu trice a bh' aig Sìleas?

'S e na cuspairean a bu trice a bh' aig Sìleas: Na Seumasaich, Clann Dòmhnaill, a teaghlach fhèin, agus a' creideamh, agus i a' beachdachadh air mar a bha gnothaichean an latha a' bualadh air na ceithir chuspairean a bha sin.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.