20mh linn / Ruaraidh MacThòmais

Cuspairean

Tha eachdraidh agus dòigh-beatha Leòdhais a' nochdadh tric anns a' bhàrdachd aig Ruaraidh MacThòmais. Tha an dàimh a tha eadar e fhèin agus eilean àraich a' tighinn am follais a-rithist 's a-rithist, agus e a' ceasnachadh ciamar agus carson a tha an ceangal ag atharrachadh. Ged a tha e a' toirt sùil chruaidh air pàirtean den dòigh-beatha, mar eisimpleir an eaglais, tha tòrr blàiths anns na dàin seo. Tha a' Ghàidhlig agus a dualchas aig cridhe na bàrdachd.


Ach, ged is e Leòdhas agus a' Ghàidhlig prìomh-stèidh a bhàrdachd, tha grunn chuspairean eile a' nochdadh ann am bàrdachd MhicThòmais cuideachd. Nam measg, beatha a' bhaile mhòir (gu h-àraidh baile Ghlaschu) agus gaol is poilitigs. Tha nàiseantachd tric a' tighinn am follais.


Ged a tha a' bhàrdachd aige tric a' togail cheistean mòra agus cudromach, tha grunn de na dàin ag èirigh à tachartasan beaga, sìmplidh. Uaireannan bidh an neach-labhairt ann an dàn, mar eisimpleir, a' faicinn no a' cluinntinn rudeigin, no a' smaoineachadh air abairt àraidh, a bhios ga tharraing na inntinn gu àite no àm eadar-dhealaichte no gu bhith a' beachdachadh air cuspair àraidh.


Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha Ruaraidh MacThòmais air fàs gu h-àraidh sgileil air sgrìobhadh aoirean goirid geur-chainnteach air raon mhòr de chuspairean.


Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na chuid bàrdachd. Mar as trice chan eil aon chiall shònraichte aig na dàin aige: tha e ga fhàgail an urra ris an leughadair brìgh a thoirt às na h-ìomhaighean.


B' e Ruaraidh MacThòmais a' chiad bhàrd a chleachd saor-rannaigheachd gu ìre mhòr sam bith ann an Gàidhlig agus tha mòran bhàird Ghàidhlig air a leantainn. Tha tòrr ciùil agus ruitheam làidir anns na rannan aige, còmhla ri beairteas, geurad cànain agus ruithimean làidir.


Teacsa

Am bàrd ag innse cò bh' ann an Catrìona Mhòr

Bha cothrom aig daoine tha mi smaoineachadh aig an àm sin a bhith diofraichte bho chèile, a bhith aocoltach ri chèile. Tha e mar gum biodh sinn a-nise ag iarraidh air daoine a bhith a' fàs nas coltaiche is nas coltaiche ri chèile - nar n-aodach, nar cainnt, is nar dòighean smaoineachaidh - anns a h-uile dòigh. Ach bha daoine tha mi smaoineachadh aig an àm sin, a' leantainn an nàdair fhèin gu math na bu dlùithe na tha sinn a' leigeil leotha an-diugh.

'S deagh chaomh leam a bhith a' cuimhneachadh air Catrìona Mhòr. Bha dithis pheathraichean ann, Murdag Mhòr is Catrìona Mhòr. 'S ann ri Murdag a bha a' glanadh na sgoile an urra ann am Pabail agus mar sin, 's gann gu robh latha dhen t-seachdain nach robh mi ga faicinn aig ceann air choreigin dhen latha, agus ga cluinntinn. Agus bha gu leòr aice ri ràdh. Ach cha robh uiread aice ri ràdh is a bh' aig Catrìona. B' i Catrìona a bu shine agus ged a bha iad nan dithis uaireigin a' dol chun an iasgaich air feadh na dùthcha, bha Catrìona Mhòr air sin a leigeil seachad. Bha i air fàs sultmhor agus mòr na corp is cha robh e furasta dhith idir dealachadh ro mhòr bhon teaghlach aice fhèin.

Ach mar is minig a tha a' tachairt nuair a tha bacadh dhen t-seòrsa sin air duine, thathar a' cur rud an àite an rud a tha air a thoirt bhuaidhe agus bha chuimhne aig Catrìona Mhòr a bha làidir agus bha liut anabarrach math aice air facail a chleachdadh. Bha i geur agus cha robh dragh aice dè chanadh i mu dheidhinn dhaoine. Cha robh dragh aice dè shaoileadh iad dhith. Agus bha sin gu math fallain. Tha cuimhne agam corra uair a bhith a' tighinn dhachaigh agus ag innse dham athair 's dha mo mhàthair pàirt de na rudan a bha Catrìona Mhòr ag ràdh rium is mi nam ghille beag, 's dòcha deich bliadhna. Agus mar a tha tachairt corra uair dhomh fhèin an-diugh, tha mi creidsinn gu robh iad air an uabhasachadh leis na rudan a bha mi a' cluinntinn aice.

Ach co-dhiù 's fheàrr dhomh dòcha tilleadh... A' bhàrdachd a tha seo, Air Leabaidh Bhochd, thàinig i thugam mar gum biodh, air feasgar no oidhche is sinn a' fuireach ann am Bute Gardens an Glaschu 's tha greis mhath bhuaithe. Chuir mi a' bhàrdachd ri chèile agus b' ann cola-deug às dèidh sin a chuala mi gun do chaochail Catrìona Mhòr dìreach mun àm sin. Chan urrainn dhomh a bhith cinnteach an ann air an dearbh fheasgar sin, no an dearbh latha sin ach b' ann glè fhaisg air an àm sin a chaochail i. 'S ann mu dheidhinn bàs Catriona Mhòir a tha a' bhàrdachd.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.