18mh linn / Rob Donn MacAoidh

Cuspairean

Ged a rinn Rob Donn, cleas bàird eile na 18mh linn, bàrdachd molaidh, nàdair agus gaoil, 's ann airson nan aoirean aige as ainmeile a tha e.


Tha seo a' gabhail a-steach òrain dì-molaidh - 'aoirean' san t-seagh thraidiseanta Ghàidhlig – ach rinn Rob Donn cuideachd bàrdachd a tha nas coltaiche ri satire na Beurla, far a bheil e a' toirt breith air dol-a-mach dhaoine agus bhuidhnean, leithid: an dà spìocaire nach do rinn an dara cuid math no cron fad am beatha, ministearan saoghalta a tha coimhead air an dreuchd "mar fhasan", uachdarain aig nach eil san amharc ach dèanamh airgid agus bàird "nach amais air fìrinn".


Tha e cuideachd ainmeil airson na mac-mheanmna agus a' gheurad cainnte a tha e a' cur gu feum anns na h-òrain èibhinn aige. Tha e gu h-àraidh math air faighinn gu cnag na cùise gu sgiobalta, a' cur mòran brìgh ann am beagan fhaclan sgaiteach.


'S e tachartasan ionadail a tha a' gluasad Roib Dhuinn gu bàrdachd mar as trice – san t-seagh sin dh'fhaodaiste a ràdh gur e 'bàrd baile' a tha ann - ach, anns na dàin as fheàrr aige, tha e tarraing às na suidheachaidhean ionadail sin fìrinnean a tha a' seasamh chun an latha an-diugh.


Tha cuid den bharail gun robh buaidh aig bàrdachd Alexander Pope - air eadar-theangachadh dha - air Rob Donn agus gun teagamh tha mac-talla de na balanced couplets aig Pope ann an loidhnichean mar "Cha mhol duin' ac' thus' mach o esan, 's cha chreid duin' ac' esan ach thus'".


Tha cuid eile den bheachd gun robh buaidh aig an dùsgadh shoisgeulach a bha air tòiseachadh ann an Cataibh ri linn air a bhàrdachd. A rèir choltais tha tomhas de fhìrinn sa bheachd sin cuideachd, ged is ann ann an co-theacsa saoghalta seach spioradail a tha moraltachd Roib Dhuinn mar as trice air a cur an cèill.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Rinn e bàrdachd is òrain air iomadh cuspair

Rinn e bàrdachd is òrain air iomadh cuspair. Rinn e tòrr de dh'òrain dhan t-seòrsa ris an can sinn bàrdachd baile, rudan beag a bha tachairt as an àite, daoine bha dèanamh rudan annasach, no daoine a bha dèanamh rudan a bha cuir cais air a' bhàrd, 's dòcha, cuideachd. Agus dhèanadh e òrain èibhinn, sgaiteach, no òrain dì-molaidh, no mar sin air na rudan sin. Bha tòrr dhan a' bhàrdachd sin aige. 'S e Briogais Mhic Ruairidh eisimpleir dhan a' sin.

Rinn e beagan de dh'òrain gaoil, mar Iseabail NicAoidh, ach cha robh sin ach òran dhan an nighean aig Iain Mac Eachainn, a chaidh a thogail còmhla ris, cha b' e fìor òran gaoil, ach rinn e fear no dhà eile cuideachd.

Cha do rinn e cus de dh'òrain air na cuspairean air a bheil na bàird, air an àbhaist dha na bàird Ghàidhlig a bhith mach, mar gaol is nàdar is a' leithid sin. Rinn e òran air Gleanna Gallaidh, no Gleann-a-Gallaidh, mar a chanas iad as na ceàrnaidhean sin, agus tha 'n t-òran sin air a sheinn fhathast. Ach chan e sin, chanainn-sa, a' phrìomh bhàrdachd aig a' bhàrd, na rudan a rinn e air na cuspairean sin. Agus sin as coireach, tha mi smaoineachadh, gu robh daoine rud beag teagmhach mu dheidhinn riamh am measg na bàird Ghàidhlig, nach robh buileach, a bhiodh air ainmeadh.. nach robh 'n t-ainm aig' le meas is miadh air a bheil e airidh.

Rud air a' robh e mach, rud air a' robh Rob Donn.. A' seòrsa cuspair a bu trice a bh' aig Rob Donn, 's ann mu dheidhinn daoine, a' toirt a bheachd air daoine. Bha e coimhead mun cuairt air air dè bha daoine dèanamh, dè seòrsa dol a-mach a bh' aca, rudan a bha dol as a' choimhearsnachd, bha e toirt a bheachd air a' sin. Canaidh tu aoir ris a' sin, ach tha facal aoir a chleachdadh ann an Gàidhlig airson seòrs' eile bàrdachd cuideachd, canaidh tu gur e bàrdachd càinidh no dì-moladh a th' ann, far a bheil bàrd dìreach a' cur sìos air duine, no uaireannan air rud, mar an cnatan, no radan, no rudeigin mar sin. Ach, cha b' e sin a bh' anns na h-aoirean aig Rob Donn, 's ann a bha e coimhead timcheall air 's a' toirt beachd, beachd moralta glè thrice, air dè bha 'n duine air a dhèanamh, no dè seòrsa dol a-mach a bh' aig daoine, agus sin chanainn a' phrìomh chuspair a th' aige.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.