'S ann airson òrain, seach bàrdachd sgrìobhte, as ainmeile a tha Murchadh MacPhàrlain. Canaidh cuid gum b' e an t-òranaiche Gàidhlig a b' fheàrr anns an linn a chaidh seachad. Tha na h-òrain aige air an seinn le cuid de shàr-sheinneadairean na Gàidhlig agus le còmhlain mar Na h-Òganaich (gu h-àraidh), Na Siaraich, Runrig agus Capercaillie.
Bhiodh e fhèin a' cur fuinn ri na h-òrain mar a bha e gan dèanamh, fuinn bheòthail le blas an latha an-diugh orra, ged a bhiodh cuid de na còmhlain a' cur an dreach fhèin orra.
Tha tòrr ciùil ann am faclan nan òran aige cuideachd. Mar eisimpleir, 'Shil mo shùil nuair chaidh siùil / Ri croinn ùra chaol àrd, / Rìgh, 's mo rùn-sa nam bàrr' - agus ruitheaman làidir a tha gar giùlan gu siùbhlach tro na h-òrain no, uaireannan, a' samhlachadh cuspair àraidh – mar tulgadh na mara san eisimpleir gu h-àrd.
Tha 'dràma' anns na h-òrain aig MacPhàrlain. Tha glè thric caractaran aige anns na h-òrain – mar an saighdear agus a leannan ann an 'Naoi Ceud Deug 's Ceithir Deug' – airson an suidheachadh a thoirt beò agus gus am bi co-fhaireachdainn againn riutha. Uaireannan bidh còmhradh eadar na caractaran anns na h-òrain, rud a tha a' cur ris an dràma.
'S e bàrdachd airson a seinn a tha seo. Bidh MacPhàrlain uaireannan ag atharrachadh òrdugh àbhaisteach nam faclan ann an t-seantans. Mar eisimpleir, 'Cha bhi uat mi ach ràith' an àite 'Cha bhi mi uat ach ràith', rud a tha a' glacadh ar n-aire ann an òran ach nach obraicheadh cho math air an duilleig. 'S e bàrdachd airson èisteachd rithe, chan ann airson a leughadh, a tha seo.
Tha dibhearsain, tiamhaidheachd agus breithneachadh anns na h-òrain aig Murchadh MacPhàrlain. Tha e a' ruith air raon mhòr de chuspairean. A' Ghàidhlig agus a' Ghàidhealtachd, tachartasan mar dol-fodha na h-Iolaire, obraichean traidiseanta mar an t-iasgach, cogadh (bha e gu làidir an aghaidh cogadh), ceistean sòisealta mar buaidh na dibhe, gaol (ann an riochd spòrsail mar as trice), cianalas, seann chleachdaidhean, dòigh-beatha an latha an-diugh ('Linn Greas ort') agus mar sin air adhart. A bharrachd air an sin, rinn e grunn mhòr de dhuain aotrom mu dhaoine a dh'aithnicheadh e no mu rudan a thachair dha.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Ag innse mu 'S fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh
Dh'fhalbh mise còmhla ris a' mhòr-shluagh anns na 1920s agus bha mi anns an dùthaich a bha thall agus chaidh mi shireadh iomadh sgeula. An toiseach nuair a bha mi nam bhalach òg thàinig fear dhachaigh à Canada air an robh Roddy Aonghais Ruaraidh. Cha bheò e an-diugh, agus chaidh mi a-steach a thaigh piuthar seanar dhomh aon latha agus bha e na shìneadh air a' bheing agus srian an eich fo cheann agus b' e am fonn a bh' aige Fail i, fail i, fail i ho ro, càite càite càite an tèid mi nuair a thuiteas sìos na sgàilean far am b' àbhaist dhòmhsa bhith cèilidh. B' e siud a bha e a' seinn 's cha robh duine a-staigh ach an dithis againn.
Dh' fhalbh mise a Chanada cuideachd agus a' chiad fhoghar a bha mi a-muigh, bha sinn aig a' bhuain, aig an t-fhoghar agus air oidhche bhrèagha ghealaich,thàinig an cianalas orm mar tonn bhàtht' agus chuimhnich mi air an fhear a bha na shìneadh air a' bheing anns an t-seann taigh-tughaidh agus e a' seinn leis fhèin càite, càite, càite an tèid mi nuair a thuiteas sìos na sgàilean far am b' àbhaist dhòmhsa bhith cèilidh. Agus b'e seo a ghluais mise an oidhche sin gu bhith a' dèanamh fail i, fail i, fail i ho ro agus chuingealaich mise an duain a tha seo ris an taigh chèilidh.
Air adhart gu
BàrdachdCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.