20mh linn / Murchadh MacPhàrlain

Beachdan

Lèirmheas a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Murchadh MacPhàrlain, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

MacThòmais, R. (Am Foghar 1973) An Toinneamh Dìomhair.

Gairm, 84, td. 377

An Toinneamh Dìomhair

"Tha cuid de na h-òrain aig Murchadh MacPhàrlain a tha iomraiteach o chionn grunnan bhliadhnachan, air sàilleabh seinn agus clàradh nan Òganach, ach tha feadhainn eile air an robh mise eòlach o chionn faisg air dà fhichead bliadhna, leithid 'S fhada leam an oidhche gheamhraidh agus Socair ort, a Dhòmhnaill, seall!, òran air a robh an t-sèisd againne "Oir chan eil dùil 'am bhith beò," ged a chì mi nach eil sgeul air an t-sreath sin san leabhar. Rinn an sluagh dhaibh pèin an t-òran 'S fhada leam an oidhche gheamhraidh cuideachd, le cruth no rann no dhà nach eil idir anns an leabhar, as bith cò rinn iad. Tha cuid de na h-òrain sin a tha a' tighinn beò anns an t-seinn, mar nach urrainn dhaibh air an duilleig fhuair, agus 's e sin an gnè dha bheil iad – gnè a tha iomraiteach is onaireach.

Tha mòran den bhàrdachd aig Murchadh MacPhàrlain blàth-chridheach, tais, agus cuimhneachail air an àm a bh' ann, agus tha pàirt dhi a tha fìor mhath mar chuimhneachan – leithid Latha na Dròbh – ged a dh'fhaodadh i a bhith rudeigin bog mar bhàrdachd. Tha òrain eile ann a tha tais-mhaoth, leithid Bean an Iasgair agus An Seann Chù Bochd. Is dòcha gun deach pàirt dhiubh seo a chur ri chèile air sgàth daoine bhith sùileachadh tuilleadh bàrdachd bhuaithe: chan eil e air uairean furasta do bhàrd fantainn balbh aon uair 's gun do choisinn e ainm. Agus saoilidh mi gu bheil òran leithid Duanag Bleoghain a' tighinn am bith anns an dòigh sin cuideachd, òran air a dhèanamh a dh'aon ghnothaich, mar atharrais air seòrsa òrain a bh' ann, agus a bha nàdarrach na àm fhèin.

Tha dòigh eile aig a' bhàrd, agus 's e sin dòigh an t-searmonaiche. Chì sinn an dòigh seo anns na h-òrain Am Botul 's am Misgear, agus Nuair a dh'fhàsas tu mòr, agus Gnè a' chogaidh. Tha e nàdarrach gum biodh an dòigh seo aig a' bhàrd ann an comann a tha an urra ris airson earail cho math ri oideachadh agus fealla-dhà.

Chan eil e furasta do bhàrd an là-an-diugh fhios a bhith aige cò tha 'n urra ris. Agus a rèir a bhreithneachaidh air a' cheist sin (cuide ri rudan eile) nì e bàrdachd de sheòrs seach seòrsa. Chì sinn cho math 's a chaidh le Bàrd Mhealboist ann an trì seòrsachan bàrdachd: a' bhàrdachd a dh'fheumas a bhith air a seinn; bàrdachd èibhinn (leithid Òran do Bhobaigeadh agus Aithris (Chicago, 1924); agus bàrdachad dhrùidhteach a latha fhèin. Tha aon eisimpleir anns an leabhar seo den t-seòrsa mu dheireadh: Mar a chailleadh an Iolaire. Gun teagamh sam bith 's e seo an t-òran as cumhachdaiche agus as drùidhtiche anns an leabhar. Tha e fada air thoiseach air càch, a' nochdadh deagh ghibht sgeulaiche, comas cainnt, agus mac-meanmain. Tha 320 sreath ann, ach cha sgìthich duine ga leughadh. Tha mi dèanamh dheth gur h-e seo an t-òran a chumas ainm Mhurchaidh MhicPhàrlain air cuimhne.

Tha an leabhar air a dheasachadh gu cùramach le Alasdair MacAsgaill."

Màrtainn Dòmhnallach, West Highland Free Press

12 An t-Samhain 1982

Cha tèid ainm Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealboist a chaochail air an t-seachdain seo, às cuimhne a dh'aithghearr. Duine iongantach a bh' ann am Murchadh aig an robh làmh shònraichte anns an ath-dhusgadh a thàinig air ceòl is òrain Ghàidhlig anns na còig bliadhna deug a dh'fhalbh.

Bha Murchadh air leth ann an iomadh dòigh ach is dòcha gur e rud cho annasach 's a bh' ann dhe mar a ghabh an òigridh ris. Is iomadh ceum fada a tha eadar saoghal a' Mhailisi air an robh e fhèin eòlach na òige agus saoghal òigridh an latha an-diugh.

Ach chaidh aig Murchadh air an dà shaoghal sin a cheangal ri chèile. Agus chaidh aige air sin a dhèanamh ann an dòigh a thug fiosrachadh is toileachas dhan fheadhainn a dh'fhàg e às an dèidh.

Iain MacArtair, Stornoway Gazette

20 An t-Samhain 1982

"Bha Murchadh mar dhuine aig an robh inntinn nan trì com-pàirtean is e beò anns an dà shaoghal a b'aithne dha is saoghal mac-meanmna a bha air thoiseach air an òigridh a bha cho mòr air inntinn. Tha sinn ùile nar creutairean cuimhne ri meòrachadh air na thachair dhuinn fhìn is do chàch is tha na linntean a dh'fhalbh cho mòr annainn is a tha sinne annta-san.

'S e an t-eòlas seo a bha Murchadh cho ealant air fhoillseachadh an rosg 's am bàrdachd. Cò a dhealbhadh cho brèagha dhuinn dachaigh òige is dòigh-beatha, na muinntir a b'aithne dha, coltach ris fhèin. Is ged a bha fios aige nach tilleadh na làithean sin is, air dòigh, nach iarradh e iad tuilleadh lem bochdainn is len cruaidh-chàs, bha e faicinn gu robh subhailcean is feartan, blàths is carthannas a bhuineadh don dòigh-beatha sin a' sìoladh às ann an sruth a' chultair ùir a bha taomadh a- steach. B'e sin a thug e gu strì às leth a' chànain is an dualchais anns an robh iad fuaighte, is cha chuala mise riamh duine dhèanadh òraid bhrosnachaidh coltach ris oir bha a bhriathran cho dùrachdach...

Ged a bhios cuimhne is iomradh air Murchadh airson iomadh là agus bliadhna agus ann a bhith a' cur na cloiche-mìle mheanbh seo air a' chàrn-cuimhne, tha deagh fhios agam nach fhaic sinn a leithid tuilleadh. Cha bhi ann a-chaoidh ach an aon Mhurchadh MacPhàrlain."

Teacsa

Aonghas MacNeacail le bheachd air sealladh Mhurchaidh

Bha daoine mar Murchadh agus Aonghas Caimbeul, Am Puilean, bha iadsan a' dèiligeadh ri cuspairean is bha iad a' dèiligeadh ri faireachdainnean a bha eadar-nàiseanta, nach robh ceangailte dìreach ris an nì a tha a' tachairt an-diugh. Bha iad ceangailte ris an t-saoghal fharsaing shìorradh mar gum biodh.

Air adhart gu

Ceanglaichean

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.