Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Meg Bateman, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacThòmais, R. (An Samhradh 1991) Òrain Ghaoil.
Gairm, 155, td. 285

"Anns a' chiad chruinneachadh an seo, na h-òrain aig Meg Bateman, 's e guth a' chràidh as trice a chluinneas sinn: cràdh airson leannan a chailleadh, gaol nach gabh sàsachadh, piuthar-màthar a bhàsaich, seann bhoireannach a chaill an duine aice. Thàinig gu leòr de bhàrdachd an uachdar à cràdh den t-seòrsa seo.
Tha rudan eile ann cuideachd: sùil gheur air maise nàdair, is air truaillidheachd ann am baile 's ann an anam. Agus cuimhne bhlàth.
Is dòcha gur h-i a' bhuaidh as làidire a tha aig bàrdachd, nuair a bheir i rudan gu math eadar-dhealaichte an lùib a chèile, 's a thuigeas sinn gu bheil am measgachadh seo air rud a tha gu tur ùr a thoirt am bith. Ged a tha a luach fhèin aig dealbh a nì bàrd air coill no monadh no muir no speur, no air dòrainn no aoibhneas a' chridhe, tha an luach uaireannan ga dhùblachadh nuair a thèid rudan nach eil ceangailte a chur ri chèile."
MacThòmais, R. (An Samhradh 1997) Aotromachd is dàin eile.
Gairm, 179, td. 283

Tha grunn math de na dàin seo air nochdadh mar-thà, cuid ann an Gairm agus ann an irisean 's an cruinneachaidhean eile, le aon taghadh air eadar-theangachadh cuideachd gu Gaeilge. Tha eadar-theangachadh gu Beurla air gach dàn san leabhar seo.
Tha a' mhòr chuid de na dàin ùra air a' chuspair seo, gu h-àraidh mun mhac a bh' aice o chionn grunnan beag bhliadhnaichean, agus an sgaradh a thàinig an dèidh sin. Tha na dàin fosgailte, dìreach mar as trice, uaireannan air an sgeadachadh le iomradh air dreach na dùthcha, craobhan is lusan.
Ann an cuid de na dàin as sine tha iomradh aice air càirdean is eòlaich a chaochail, agus air an teaghlach aice fhèin an Dùn Èideann.
Tha na dàin mar as trice anns an nòs ùr, le corra fhear a' leantainn seann mhodh rannaigheachd, agus tha iad furasta, taitneach an leughadh, am Beurla no an Gàidhlig.
MacIlleDhuibh, R. (2 An t-Samhain 2007) Leabhraichean Ùra, Soirbheas.
The Scotsman

"..seo an cruinneachadh a b'fheàrr a dh'fhoillsich am bàrd riamh...
Bha mi riamh den bheachd nach robh ach dithis am bàrdachd Bateman – i fhèin 's an còrr den t-saoghal, 's iad am bad a-chèile daonnan. Ach ann an Soirbheas tha a' ghaoth ag atharrachadh. 'S ann mu deidhinn fhèin, am "mise bochd", a tha a h-uile dàrnacha dàn gun teagamh, ach tha "an còrr den t-saoghal" a-nis a' seasamh romhainn na mhìle duine diofraichte. Saoilidh mi gur e dol a dh'fhuireach dhan Eilean Sgitheanach, agus an leanabh aice a' fàs suas, as coireach ri seo: tha trì earrannan ann, "Air a' Ghàidhealtachd", "Tìm, an Aonaranachd agus an Gaol", agus "Càirdean is Caraidean", agus 's e "Air a' Ghàidhealtachd" a b' fheàrr a chòrd rium. Tha roghainn aig an leughadair a-nis eadar bàrdachd phearsanta Meg, aig a bheil an t-uabhas ri ràdh mu chàs nam boireannach an-diugh, 's an seòrsa cameo a bheir a' bhreug dhan t-seanfhacal gun "fhiach dealbh mìle facal" – is fhiach aon bhàrdachd bheag den t-seòrsa seo mìle dealbh!"
Meek, D. E. (2002) An Adhaigh na Sìorraidheachd?
Bàird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gàidhlig 2000. Oilthigh Obar Dheathain, Roinn na Ceiltis
Tha cuid de na bàird as òige, mar Meg Bateman, a' faighinn toileachadh a cruinneachaidhean de bheul-aithris leithid Carmina Gadelica, ach tha i mothachail gum buin na carmina do shaoghal eile, saoghal a tha duilich a chur an lùib beatha nam bailtean mòra...
Chan eil a' bhana-bhàird a' gèilleadh don bhruadar romantach a tha cho follaiseach an-diugh anns a' chreideamh nuadh-aoiseach sin, "Crìosdaidheachd nan Ceilteach". Tha i a' cluich leis an fhacal "dàn", mar a rinn iomadh bàrd roimhpe. Tha i a' feuchainn ri dàn a chruthachadh a tha a' freagairt, mar gum biodh air a dàn fhèin (anns an dà sheagh) anns an t-saoghal ùr seo.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Chrissie Bannerman le a taghadh fhèin de bhàrdachd Meg Bateman
Is toigh leam bàrdachd far a bheil faireachdainnean a' bhàird a' tighinn gu làidir tron sgrìobhadh agus tha faireachdainnean co-ionann aig mac an duine, an dà chuid eadar-nàiseanta is tro na ginealaich. Is toigh leam cuideachd bàrdachd fhuaimneach, ceòlmhòr. Tha mi uabhasach measail air a' bhàrdachd aig Meg Bateman. Tha coibhneas is tuigse agus co-fhaireachdainn a' nochdadh ann a tha tarraingeach da-rìribh.
Tha a' bhàrdachd a sgrìobh i do a bana-charaid Judy nuair a chunnaic i na cadal i air beulabh an teine, a' dùsgadh dealbh den chloinn againn fhèin gu socharach anns an aon suidheachadh. Pìos eile dhen bhàrdachd aig Meg a thug tlachd dhomh agus a dhùisg smuain, Dealbh mo Mhàthar.
Is toigh leam cuideachd an sealladh a tha Meg a' toirt dhuinn air choimhearsnachd far a bheil gach neach cinnteach às àite agus riaraichte leis a chuid anns an t-saoghal seo agus a' bhuaidh a th'aig an sin air a' bhanntraich, An-dèidh an Tòrraidh.
Air adhart gu
CeanglaicheanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.