Tha Maoilios Caimbeul a' ruith air grunn chuspairean na bhàrdachd, nam measg: a' Ghàidhlig agus dualchas na Gàidhealtachd, creideamh agus mì-chreideamh, poilitigs, àiteachan is atharraichidhean, agus gaol. Tha e cuideachd uaireannan a' beachdachadh air ceistean farsaing mar beatha is bàs agus nàdar a' mhac-meanmna is na bàrdachd.
Mar bhàrd, tha guth socair, domhainn, meòrachail aig Maoilios Caimbeul agus cuideachd mac-meanmna beòthail.
Tha e glè thric a' feuchainn a-mach diofar dhòighean sgrìobhaidh na bhàrdachd. Uaireannan, mar eisimpleir, bidh e a' measgachadh rannaigheachd shaor an ùr-nòis ri ceòl agus ruithimean na bàrdachd thraidiseanta. Tha alt aige air ìomhaighean a shnìomh ri chèile gu sgileil ach uaireannan eile tha e a' cleachdadh modh-sgrìobhaidh sìmplidh, dìreach.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Mar a bhios e a' sgrìobhadh dàn
Tha mi a' smaoineachadh ann an dòigh gum bi mi a' feitheamh ri bàrdachd a thighinn thugam. Bidh mi a' smaoineachadh air rud is dòcha airson greis mhath, airson bliadhnaichean 's dòcha, no airson mìosan. Ach aon latha 's dòcha gun tig loidhne thugam no a' chiad dà loidhne agus feumaidh mi sin a sgrìobhadh sìos an uair sin oir mur a sgrìobh mi sìos e, dìochuimhnaichidh mi dè bh' ann agus cha tig e air ais thugam. An ath rud a bhios mi a' dèanamh, nuair a thòisicheas mi a sgrìobhadh, is dòcha gun dèan mi an sgrìobhadh fhèin ann an uair a thìde no dhà is bidh e deiseil an uair sin.
Glè thric bidh mi ga sgrìobhadh is sin agad e, ach uaireanan atharraichidh mi facal an siud is an seo. Thig mi thairis air agus atharrachaidh mi facal no dhà. Uaireannan ma sgrìobhas mi rud, 's dòcha nach bi mi a' smaoineachadh gun fhiach e a chumail agus cuiridh mi dhan bhion e. Bidh sin a' tachairt corra uair cuideachd agus sin mar a tha e ag obair.
Air adhart gu
BàrdachdCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.