20mh linn / Maoilios Caimbeul

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Maoilios Caimbeul, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

MacAonghais, I. (An Samhradh 1981) Eileanan le Maoilios Caimbeul & A' Mheanbhchuileag le Fearghas MacFhionnlaigh.

Gairm, 115, td. 279

Eileanan

"Dè a tha ri iarraidh air a' bhàrd? Dè bu chòir dhuinn a bhith sùileachadh bhuaithe? Am bàrd anns an fharsaingeachd cho math ris a' bhàrd Ghàidhealach – no am bàrd Gàidhlig, o chionn is nach eil "Gàidhealach" aon-fhillte am brìgh a-nise. Chuir mi a' cheist sin air bàrd anns na h-Eileanan o chionn grunn bhliannaichean. Fhreagair e gun dàil: "Tha cumhachd". Nuair a leudaich e air a' chuspair chuir e an cèill gu robh esan ag iarraidh cumhachd ann an caochladh cruth: ann an siubhal nan rann agus an am binneas nam briathran oir neo rudeigin a dhìth...anns an dealbh a bha a' bhàrdachd a' toirt fa chomhair na sùlach oir neo-chumhachd ann an sgioltachd nam facal. Is dòcha os cionn nan uile, neart faireachaidh. Agus ann an eirmseachd? O bhà; sin cuideachd. Is dh'fhaodadh cumhachd a bhith ri fhaotainn ann an grinneas, ann am fealla-dhà, agus mar sin air aghaidh. Shaoil leam aig an àm gu robh breith a' bhàird a' toirt cus leatha; gu robh an t-slat-tomhais tuilleadh is lag. Ach iomadh turas on uair sin, agus a dh'aindeoin rannsachaidh dh'fhaillich orm sìon na b'fheàrr a chur na h-àite – mas e is gu feumar da-rìribh breith a thoirt air bàrdachd anns an fharsaingeachd.

'S ann an smuain agus ann an sgioltachd cainnte, tha mi a' creidsinn, as follaisiche cumhachd an dithis bhàrd seo. Chan è gu bheil iad a' freastal sin gu h-iomlan: tha faireachdainn is dùrachd air cùl am briathran. Agus is aithne do Mhaoilios Caimbeul dealbh soilleir a tharraing, le dùrachd gun bhuigead na chainnt..."

Mac a' Ghobhainn, I. (Am Foghar 1987) Bailtean.

Gairm, 140, td. 381

Bailtean

"'S e Bailtean ainm an leabhair, ach tha na dàin ioma-chuspaireach. Tha feadhainn gu h-àraidh mu dheidhinn a' ghaoil ann an iomadh cumadh...

Tha cuid mu dheidhinn bhailtean agus gu h-àraidh mu dheidhinn Muile, an t-eilean cianail sin a tha a' dùsgadh bhon bhàrd na facail:

  • lom 's gu bheil e
  • iomadach beatha is bàs,
  • gus a bheil e 'n diugh
  • sàmhach,
  • còmhnard gu fàire
  • mar dhath donn do-thuigsinn.

Chan ann tiamhaidh a tha an leabhar gu lèir, tà, oir tha dàn uabhasach èibhinn ann leis an tiotal, Sgoilearachd am measg nam Boiteagan. Fhad 's a tha iad ag argamaid thig lòn-dubh is ithidh e iad.

Tha mi den bheachd gu bheil e an urra ri Ruaridh MacThòmais gu h-àraidh anns na dàin a gheibhear anns an dàrna leth den leabhar, nuair a the e mach air cùisean ar latha fhìn, samhail an dàn Am Fear-Turais agus Dha Leòdhasach sam bith. 'S ann mu dheidhinn cogadh niùclasach a tha an dàn mu dheireadh sin, agus tha e cumhachdach gu leòr...

Agus cuideachd tha mi smaoineachadh gu bheil càirdeas aig an dàn Son Alasdair ri aon de na dàin aig Dòmhnall MacAmhlaigh. Ach tha sin nàdarrach gu leòr, oir cò am bàrd nach do dh'ionnsaich bho na h-athraichean?..

Ach tha a ghuth fhèin aig Maoilios, guth a tha aig amannan tiamhaidh, aig amannan feallsanta, agus an còmhnaidh reusanta is geur."

MacAonghais, I. (An Samhradh 1995) A' Gabhail Ris.

Gairm, 171, td. 280

A' Gabhail Ris

"Tha imcheist an daonnaire tric ga nochdadh fhèin sa bhàrdachd aige. Tha an creideamh anns an do thogadh e cha mhòr an còmhnaidh na fhiamh air cùl nan dàn; ach chan e imcheist a' chreidmhich ach imcheist an fheallsanaich a tha ga sparradh gu cainnt. Uaireannan tha leus eile a' bristeach fàire, mar a chithear an "Crann-tara"...

Ach tha an teagamh a tha, a rèir coltais dùthchasach dha gu pearsanta, a' ruigheachd cho domhainn is gu bheil ealain na bàrdachd fhèin ga meas aige na ceann-uidhe anns nach lorg an cridhe – no an t-anam – freagairt no riarachadh no fois...

Tha a leithid sin na sgàthan air saoghal ar latha-ne: saoghal gun sìth, gun tèarainnteachd, gun dòchas; agus 's e an sìor cheasnachadh is an anfhois a tha am bàrdachd a' Chaimbeulaich a tha ga chomharrachadh os cionn chàich. Tha mothachadh beò aige cuideachd air riaghladh ar latha, air riaghaltas, agus air luchd a' mhaoin...

'S e "Agus mar sin car a' mhuiltein" an roinn mu dheireadh dhen leabhar. Tha uirsgeul an fhir a chuir seachad là is bliadhna san t-sìthein, agus fionnsgeulachdan eile air am fighe ri chèile, ann an seòrsa de eachdraidh air turas an spioraid, o bhruaillean misgeach gu ruige foistinn – ma ghabhaas am bàrd ri comhairle a' ghuth a tha e a' cluinntinn: Gabhaidh tu ris/ ris an tuill/ ris a' chiùine/ ris na sìthichean/ 's ri na daoine... (Sin brìgh an tiotail: A' Gabhail Ris, agus tha e a'mineachadh cuid dhen iomairt a tha sna dàin air fad.) 'S e rosg-dhàn a tha ann, gun rannan cumanta, air a chur sìos anns an leabhar. Tha obair MhicDhiarmaid (A Drunk Man looks at the Thistle) agus "Tam O' Shanter" aig Burns nan eisimpleirean ged a tha a ghuth eirmseach fhèin aig Maoilios Caimbeul. Ach 's e strì na h-aigne a tha fàgail na bàrdachd aige fiachail."

MacIlleDhuibh, R. (2 An t-Samhain 2007) Leabhraichean Ùra, Breac a' Mhuiltein

The Scotsman

Breac a' Mhuiltein

Tha trì rudan a' bualadh ormsa bhon toiseach: 's e guth Mhaoilis guth riochdail dibhearsanach an duine chumanta ("Tha mo chù / na bhàrd cho math riums'. / Bidh e a' comhartaich / ri a nàimhdean"); tha an duine cumanta seo, mac miseanaraidh, air fear de chàirdean MhicNeacail a tha "eadar bhìobaill is teagamh"; anns gach cruinneachadh their thu riut fhèin, " Cha b' urrainn dhan bhàrdachd seo a bhith na b' fheàrr" – ach tha an ath chruinneachadh nas fheàrr!..

Sna 11 "Daìn as Ùir" tha measgachadh togarrach de dh'aoir, de dh'fhèin-mhagadh, de dhibhearsain 's de smuaint. Tha freagairt ghlic aige ris a' cheist mhòir: "Nuair bha mi òg / bha mi a' smaointinn / gun robh an saoghal dìomhair, / an uair sin smaoinich mi / gun robh e sìmplidh; / a-nis tha mi tuigsinn / gu bheil e cho sìmplidh ri Pi - / chan eil crìoch air a shuaineadh 's air a thoinneamh, / air a thoinneamh 's air a shuaineadh." 'S e duine cumanta th' anns a' bhodach mar bh' anns an fhleasgach (ann an aon dàn tha e a' glanadh uinneagan), 's tha e fhathast eadar dhà chomhairle, ach mu nì ùr: tha Ionadail / Cruinneadail fo dhà riochd – meadarrachd shaor, agus làn chomhardadh de sheòrsa sunndach a tha a' cur an èisg Lachlann MacPhearsain Shrath Mhathaisidh nam chuimhne."

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Stefan MacÌomhair ag innse dè tha tarraingeach mu bhàrdachd Mhaoilios Caimbeul

Thòisich m'ùidh ann an obair Mhaoilios Caimbeul fhad 's a bha mi san àrd-sgoil. Ag innse na firinn, bha Maoileas gam theagaisg anns an sgoil agus aig an àm, chan eil cuimhne agam dè bhliadhna a bh' ann, ach bhuannaich e crùn a' bhàird aig a' Mhòd Nàiseanta. Agus smaoinich mi, oh uill feumaidh mi faighinn a-mach dè a tha math mu dheidhinn an obair ..na h-obrach...aige. Leugh mi cuid de na leabhraichean a bh'aige agus rinn sinn cuid dhe na pìosan bàrdachd aige anns na clasaichean a bha sinn a' dèanamh cuideachd, so!!!! thòisich m'ùidh an uair sin.

Na mo bheachdsa co-dhiù tha mi a' smaointinn gu bheil seòrsa de stoidhle a tha gu math sìmplidh a leantainn aige, an cànan a bhios e a' cleachdadh. Chan eil mi ag ràdh gu bheil e airson ìre cloinne, ach dìreach gu bheil e furasta a leantainn agus tha e a' mìneachadh dè a tha e a' ciallachadh anns a' chiad dol a-mach agus tha sin cudromach dhòmhsa.

'S e Borgh Leòdhas an t-ainm a th' air a' phìos a chòrd riumsa gu mòr a rinn Maoileas agus dìreach an aon rud a-rithist, tha e sìmplidh leantainn dè a tha e a' ciallachadh. 'S ann mu dheidhinn na h-eaglais a tha e agus dè a tha a' tachairt, pìos a tha gu math trang. Tha tòrr a' tachairt ann an loidhnichean a tha gu math goirid agus 's e pìos gu math goirid a th' ann cuideachd. Tha tòrr a' tachairt, 's tha an dòigh a th' aige dìreach a' còrdadh rium.

Air adhart gu

Ceanglaichean

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.