A rèir choltais, rinn Iain Ruadh Stiùbhart, a bha na oifigeach ann an arm a' Phrionnsa Teàrlaich, na h-òrain 'Latha Chuil-Lodair', 'Òran Eile air Latha Chuil-Lodair' agus 'Ùrnaigh Iain Ruaidh' goirid às dèidh a' bhlàir. Tha sin agus an t-eòlas a tha aige an dà chuid air a' bhatal fhèin agus air an t-suidheachadh san fharsaingeachd a' toirt neart àraidh dhan bhàrdachd seo, mar gum b' eadh a' toirt dhuinn sealladh air a' chùis on taobh a-staigh.
A bharrachd air luach nan òran mar fhianais air tachartas eachdraidheil, ge-tà, 's e cuideachd bàrd sgileil a tha ann an Stiùbhart, a tha comasach air e fhèin a chur an cèill tro chainnt dhrùidhteach, rannaigheachd cheòlmhor agus ìomhaighean cruthachail.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Bha iomadach cuspair aige
Bha iomadach cuspair aige agus ma choimheadas sinn air a' bhàrdachd a tha e air mairsinn chun an latha an-diugh, tha a h-uile seòrsa rud aige. Bàrdachd, cuid de bhàrdachd aig ìre glè àrd, cumhachan is òrain molaidh, agus òrain a tha aig ìre nach eil cho àrd, mar tha òrain seilg is òrain òil. Ach tha mi a' creidsinn gur e fear dhe na h-òrain as cumhachdaiche a rinn e, 's e Cumha Bhan-Tighearna Mhic-an-Toisich. Agus tha e uabhasach cumhachdach, 's tha mi creidsinn gu bheil e aig ìre glè àrd.
Air adhart gu
BàrdachdCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.