Rinn Iain Mac a' Ghobhainn diofar sheòrsaichean bàrdachd, mar eisimpleir: òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine den t-seòrsa ris an canar 'bàrdachd baile', dàin sa bheil e ag innse seann sgeulachdan 'gaisgeil' agus grunnan de dhàin fhada dhomhainn air cuspairean leithid Carthannas, Uamhar agus Dòchas, a' chuid mhòr aca a' tarraing air strì an fhearainn aig an àm.
Tha Mac a' Ghobhainn a' nochdadh na bhàrdachd inntinn bhreithneachail, comas reusanachaidh làidir agus sgilean bàrdachd nach beag, gu h-àraidh a thaobh eirmseachd cainnte.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
A' beachdachadh air cuspairean a' bhàird
Tha uimhir de chuspairean aige, tha cuspairean aotrom 's cuspairean cudromach. Cuspairean aotrom mar rud a bhiodh a' tachairt as an àite agus 's e sin an rud a bh' air cuimhne dhaoine, bu mhotha a bh' air cuimhne dhaoine, ri mo chuimhne-sa.
Ach bha cuideachd cuspairean a bha tighinn an-àirde as na dàin a sgrìobh e aig deireadh a bheatha, mar Spiorad a' Charthannais, 's a' leithid sin a rud. Nise, 's ann a-mach air moraltas gu sònraichte a bha e ann an Spiorad a' Charthannais is Spiorad an Uamhair, agus bha sin toirt a-steach uachdarain, daoine a bha os cionn dhaoine eile, 's an seòrsa dòigh anns an robh iad a' coimhead riutha, agus a' toirt a-steach cràbhadh cuideachd. Feumaidh sinn cuimhneachadh gu robh gluasadan mòra cràbhaidh air tachairt ann am meadhan na 19mh linn, agus gum biodh fios aige air an sin bho dhachaigh agus bho Dhùn Èideann.
Sin an dà chuspair shònraichte a tha e toirt a-steach. Tha e cuideachd a' cantainn nach e a-mhàin daoine a th' ann an inbhe a tha uailleil agus àrdanach, ach "bodaich ghrùigeach, agus smùid asd' leis an luathaidh," 's a' leithid sin.
Ach 's e cor an duine 's an dòigh as a bheil e a' coimhead ris an t-saoghal 's an dòigh as a bheil e coimhead ri cho-chreutair as an t-saoghal. agus tha e a' dèanamh breithneachadh air a' sin a thaobh a' rud a tha ceart, na bheachd-san, agus a' rud nach eil ceart.
Air adhart gu
BàrdachdCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.