'S ann airson a bhàrdachd nàdair as ainmeile a tha Donnchadh Ban Mac an t-Saoir, ged a rinn e iomadh seòrsa bàrdachd eile cuideachd, nam measg òrain-gaoil, dàin molaidh do dh'uaislean agus rabhdan dibhearsaineach.
Tha a' bhàrdachd nàdair aig Donnchadh Bàn a' gabhail a-steach: òran mun t-samhradh (a' leantainn eisimpleir Mhic Mhaighstir Alasdair), dàin mu Choire Cheathaich agus mu Ghleann Urchaidh, 'Cead Deireannach nam Beann' a rinn e na sheann aois agus an dàn mòr aige, 'Moladh Beinn Dòbhrain'.
Tha bàrdachd nàdair Dhonnchaidh Bhàin comharraichte airson a' chunntais mhionaidich a tha e a' toirt air na glinn agus an fhiadh-bheatha a tha annta agus airson na cainnt bheairtich agus an rannaigheachd cheòlmhor sa bheil e a' cur sin an cèill.
Chan eil e na chleachdadh aig Donnchadh Bàn a bhith a' cur fhaireachdainnean an cèill ann an dòigh follaiseach na bhàrdachd ach tha am meas a tha aige air na fèidh agus an t-sealg, agus an t-urram a tha e a' toirt dhaibh, a' tighinn troimhe a dh'aindeoin sin agus 's e sin a tha toirt tomhas mòr dhe a neart dhan bhàrdachd aige.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Ag innse mu farsaingeachd chuspairean na bàrdachd
Tha àireamh chuspairean aig Donnchadh Bàn. Chan e mhàin, can, an t-sealg 's na fèidh 's na beanntan 's na monaidhean, 's gam moladh. Rinn e òrain do dh'uaislean cuideachd, mar a bhiodh na bàird a' dèanamh co-dhiù.
A-rithist tha cuid de dhaoine ag ràdh nach robh seo ach mar gum biodh a' dèanamh dì-meas dhe na buadhan aige, ach bha 'm bàrd, bha e air a shùileachadh aig daoine gum biodh am bàrd a' moladh na ceann-chinnidh 's na daoine aig an robh inbhe as an t-saoghal a bha seo, am measg nan Gàidheal, bha sin cumanta gu leòr.
An uair sin rinn e òran drùidhteach mun a' bhàs, mun a' mhurt mar a chanas 'ad ris, aig Cailean Caimbeul Ghlinn Iubhair. Bha Cailean Caimbeul a' trusadh na màil ann an dùthaich nan Stiùbhartach an dèidh Blàr Chùl Lodair.
Stiùbhartaich na h-Apainn, bha iadsan air taobh a' Phrionnsa, theich an ceann-cinnidh aca dhan a Roinn... null dhan a Roinn Eòrpa, agus bha luchd nan tacannan sa leithid, bha iadsan a' trusadh na màil agus a' cur an airgid a-null dhan a' Fhraing chun a' chinn-chinnidh.
Ach cha robh seo, eil fhios agad, a rèir lagh muinntir Hanòbhair a bh' ann an cumhachd, nan rìghrean an uair sin, agus a' Riaghaltais, agus bha Cailean Caimbeul air a.. fhuair e an obair a bha seo, gun cruinnicheadh esan airgead a bha dol mar a bha iadsan a' meas a bha dligheach, agus bha sin a' dol chun a' Riaghaltais. 'S cha robh seo a' còrdadh ri na Stiùbhartaich, agus chaidh cur às dha. Tha naidheachd iomraiteach ann agus chaidh duine, gu h-àraidh o chionns gun deach duine a bha neo-chiontach, Seumas Stiùbhart a ghlinne, Gleann Apainn, chaidh esan a chrochadh 's e na dhuine neo-chiontach. Aig na Caimbeulaich 's e britheamh Caimbeulach, agus a' chuid mhòr dhen an diùraidh 's e Caimbeulaich a bh' annta, agus chuir iad Seumas Stiùbhart gu bàs.
Nise, bha Cailean Caimbeul, ged a bha e ris an obair a bha sin, bha e gu math measail aig cuid dhe na daoine, agus Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair fhèin, 's cha duine cho Seumasach ann ri Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, agus cho fada an aghaidh a' Riaghaltas a thàinig... nuair a thàinig na Hanoverians, muinntir Hanòbhair, nuair a thaing iad às a Ghearmailt agus fhuair iad crùn Bhreatainn.
Aig a cheart àm bha Alasdair agus Cailean mòr aig a chèile, agus mar a bha na Gàidheil a' creidsinn, bha cuid de fhiodh 's de chraobhan uasal agus bha cuid bha suarach. Nise bha 'n giuthas uasal 's bha 'n darach uasal, 's leithid sin, ach a chraobh-fheàrna, alder ann am Beurla, tha a' chraobh fheàrna tha i bog, 's cha bhiodh daoine a' ràdh, "diù i a' chonnaidh an fheàrna."
Tha Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair a' ràdh, "'S toigh leam Cailean Ghlinn Iubhair, b'fheàrr leam gum b' iubhair 's nach feàrna." Fhios agad, a chraobh iubhar bha i cho uasal 's a bh' ann, bha chraobh eile, a chraobh fheàrna, bha i, bha i suarach agus bha seo a' ciallachadh, "'S toigh leam Cailean Ghlinn Iubhair, b'fheàrr leam gur e Dòmhnallach a bh' ann, 's nach e Caimbeulach."
Co-dhiù, chanadh duine le bhith leughadh Cumha Cailean Ghlinn Iubhair, no gu h-àraidh ma chluinneas tu air a ghabhail e, air a sheinn, gu robh Donnchadh gu fìrinneach agus a' cheart da-rìribh measail air Cailean, agus am measg nan òran a rinn e do dhaoine, do dhaoine uasal, uill dha na h-uaislean 's do dhaoine mòra, na h-urracha mòra, dh'fhaodadh tu ràdh, tha mi smaoineachadh gu bheil Cumha Cailean Ghlinn Iubhair cho math sa th' ann.
Bha e an uair sin, Bliadhna Theàrlaich, ghabh e, no bhiodh aige air gabhail tha mi creidsinn, ann am feachd nan Caimbeulach, air taobh a' Riaghaltas an aghaidh nan Stiùbhartach, an aghaidh nan Seumasach, an aghaidh a' Phrionnsa. Agus cha robh claidheamh aige, ach fhuair e claidheamh air iasad fo Mhac an Fhleisdeir shuas às a' Chrannaich a' sin, mu choinneamh Achadh Chaladair, dìreach mu choinneamh Druimliaghairt, far an do thogadh, far na rugadh 's far na thogar e-fhèin, agus nuair a thoisich Blàr na h-Eaglaise Brice, thilg Donnchadh bhuaithe an claidheamh agus theich e, agus an dèidh dha teicheadh rinn e òran a' moladh a' Phrionnsa, 's a' moladh nan Seumasach.
Cha b' e saighdear a bh' ann na nàdar agus co-dhiù, mar a bha chuid mhòr de na bàird, bha Rob Donn air an aon dòigh. Bha esan ann am feachd nan Caoidheach, air taobh an Riaghaltais, bha iadsan an aghaidh nan Seumasach cuideachd, agus bha esan a' moladh a' Phrionnsa bhon an àm a rugadh e, chionn thàinig reul air an adhar 's bha daoine a' ràdh, bha iad a' feitheamh ri cuideigin mar a bha 'm Prionnsa a bheireadh saorsa dha na Gàidheil a-rithist agus a dh'aisigeadh air ais na Gàidheil gun àite dligheach ann an Alba, chionn bha na Gàidheil a meas dol air ais, o faodaidh tu ràdh mìle bliadhna is còrr, gun deach sinne, na Gàidheil, a chur às an àite ceart ann an Alba, sinne a thug, mar gum biodh, cruth air dùthaich Alba 's air rìoghachd Alba, agus thàinig na Gaill a-staigh air an dùthaich againn agus chaidh sinne iomain a-mach dha na monaidhean.
Ach bha Rob Donn, Donnchadh Bàn agus air feadh na Gàidhealtachd, g' e bith dè bha na h-urracha mòra, dè an taobh a bha 'd a' seasamh, bha na bàird an còmhnaidh a' seasamh nan Seumasach. 'S bha Donnchadh dhen an t-seòrsa sin, agus co-dhiù, rinn Mac an Fhleisdeir gearain mhòr gun do chaill Donnchadh an claidheamh aige, agus rinn Donnchadh òran as a bheil aoir, mar gum biodh, nach robh anns a' chlaidheamh ach seann pìos iarrainn co-dhiù, eagach agus gun faobhar air.
Air adhart gu
BàrdachdCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.